Faochadh mu fharaidhean aiseig a' Chorrain

Bat-aiseig a'chorrain

Tha a h-uile coltas ann nach tèid faraidhean aiseag a' Chorrain suas 10%.

Bha Comhairle na Gàidheatlachd airson na faraidhean a chur an àrda mar phàirt de ghearraidhean an ùghdarrais ionadail.

Ach leis nach eil an t-aonta airgid bho Riaghaltas na h-Alba cho dona sa bha dùil cha bhi aig a' chomhairle ri gearraidhean cho mòr a chur an sàs.

Tha Màiri Anna NicUalraig am measg na tha ann an sgire Àird nam Murchan a chur fàilte air an naidheachd.

"Tha a h-uile duine gu math, gu math eòlach air na tionndaidhean seòlta a bhios còmhairlean a' gabhail agus a' cur an eagal air daoine ro làimh.

"Ach gun do smoinich iad idir, idir air bagairt àrdachaidhean mar seo a-rithist a chur air aona choimhearsnachd taobh a-staigh na sgìre comhairle gu lèir, tha e a' sealltainn nach eil iad ann an dà-rìribh air am feallsanachd a thaobh an aiseig atharrachadh, " thuirt i.

Dìon

Ged a tha gàirdeachas ga dhèanamh sa sgìre thuirt Ms NicUalraig gum feumadh a' choimhearsnachd agus an t-ùghdarras ionadail beachdachadh air na dh'fhaodadh tachairt san deich agus fichead bliadhna ri teachd agus gur dòcha gur e seo an t-àm coimhead ri de a ghabhas a dhèanamh airson sgìre dhùthchail, iomallach, leithid Àrd nam Murchan, a dhìon .

"Chanainn gu bheil an ath cheum an urra ris a' chomhairle cho mòr ris a' choimhearsnachd.

"Chan eil sinne ach beag agus chan eil làmh againne air an sporan agus tha sinn air conaltradh minig agus tric leis a' chomhairle ag ràdh feumar coimhead anns an fharsaingeachd air mar a tha thu a' dion nan coimhearsnachdan air an taobh a tha seo dhan Linne Dhubh agus a-steach sìos a' Mhorbheinne agus tarsaing a-null a' Mhuile oir mur a h-eil ceangal stèidhichte air choirigin ann, gu bith se bàta neo drochaid neo ceangal a tha a' tarraing cumhachd bho na tonnan, ge bith de a th' ann feumar smaoineachadh mu dheidhinn agus feumar dealbhachadh.

"Chan iad a' choimhearsnachd aig a bheil an t-èolas, ach air gu bheil feum air leasachadh sa sgìre agus 's ann an urra ris a' chomhairle a tha e a-niste," thuirt i.