"Laigsean draghail" an Coimisean na Croitearachd

Coimisean na Croitearachd

Dh'iarr Riaghaltas na h-Alba air Coimisean na Croitearachd gluasad gu sgiobalta gus piseach a thoirt air obair na buidhne, is ath-sgrùdadh air "laigsean draghail" a lorg.

Thuirt Rùnaire nan Cùisean Dùthchail, Fearghas Ewing, gu bheil e air iarraidh air Àrd-Stiùiriche ùr a' Choimisein, Bill Barron, plana gnìomha a dheasachadh.

Thuirt Mgr Ewing gu bheil feum air atharraichean ma tha an Coimisean gu bhith comasach air croitearachd a riaghladh san àm ri teachd.

Chaidh a' bhuidheann Scott-Moncrieff fhastadh san t-Samhain 'son ath-sgrùdadh a dhèanamh mu riaghladh is dòighean-obrach a' Choimisein, is connspaid is troimhe-chèile air a bhith a' cuairteachadh na buidhne tharis air grunn mhìosan.

Tha an ath-sgrùdadh sin a-nise air an t-uabhas de cheistean a thogail mu obair a' Choimisein.

Fhuaireadh gun robh laigsean stiùiridh aig diofar ìrean taobh a-staigh a' Choimisein air fàgail nach robh iad ag obair mar bhuidhinn èifeachdaich, aonaichte.

Buaireadh

Chaidh ùine mhòr a chosg air dèiligeadh ri buaireadh taobh a-staigh na buidhne.

Thog an luchd-sgrùdaidh gu sònraichte air coinneimh shradagaich ann am Brùra san t-Samhain 2016, is thuirt iad nach robh rian nach tug mar a chaidh a' choinneamh a làimhseachadh buaidh air cliù a' Choimisein is earbsa chroitearan ann.

Tha feum fhathast air soilleireachadh poblach air na thachair aig a' choinneimh, thuirt an luchd-sgrùdaidh.

Fhuair iad gun robh "pearsachan làidir" is sgaraidhean bheachd air fàgail gun deach càirdeasan eadar cuid sa Choimisean bhuaithe le droch-bhuaidh air obair na buidhne.

Tha argamaid làidir ann, fhuair an luchd-sgrùdaidh, gun iarr an Coimisean taic bho eòlaiche neo-eisimileach gus fuasgladh fhaighinn air gnothaichean pearsanta a tha a' fàgail nach eil builll is luchd-obrach ag obair còmhla mar bu chòir.

Bidh sin, fhuair an aithisg, a rèir is mar a thachras aig taghadh a' Choimisein an ath-mhìos.

Riatanach

Chaidh draghan a thogail cuideachd mu obair-chlàraidh, is nach deach fiosrachadh riatanach a chumail. Bha seo ann am measg eile a thaobh is mar a chaidh constabalan ionaltraidh fhastadh is mar a bha iad ag obair.

Fhuaireadh cuideachd gun deach fiosrachadh a sgaoileadh gu poblach gun tuigse air dòighean-obrach a' Choimisein is mar a bu chòir co-dhùnaidhean a dhèanamh mar bhuidhinn.

Dh'iarr an luchd-sgrùdaidh gum bi obair na buidhne san fharsaingeachd nas fhollaisaiche, is gum bu choir do choinneamhan riochd foirmeil a leantainn bho seo a-mach.

Thuirt iad gum bu chòir do choimiseanairean is luchd-obrach a bhith a' sealltainn urraim do chàch a chèile, is gum bu chòir misneachd a bhith aca am beachdan a chur air adhart, is a bhith misneachail gun tèid aca air aonta a ruighinn le co-obraichean air a' cheann thall.

Bu chòir dha na coimiseanaran a bhios ann às dèidh an taghaidh an ath-mhìos taic is trèanadh fhaighinn le na sgilean a bhios a dhìth orra, fhuair an luchd-sgrùdaidh.

Dreuchd ùr

'S dòcha gu bheil feum cuideachd air dreuchd ùir sa bhuidhinn 'son neach a bhiodh ann 'son draghan luchd-obrach a chluinntinn.

Thog an luchd-sgrùdaidh cuideachd air mar a chaidh an Coimisean an sàs ann am buaireadh aig ìre ionadail.

Thuirt an luchd-sgrùdaidh gun robh iad ag aontachadh le beachd gun deach an Coimisean an sàs ro dhomhain ann an cùisean fa-leth.

Cha leig a' bhuidheann a leas smachd a ghabhail air gach suidheachadh, fhuair luchd-sgrùdaidh, is uaireannan bhiodh e iomchaidh gnothaichean fhàgail aig buidhnean eile, can HMRC, na Poilis no na cùirtean.

Bha ceist gu sònraichte ann mu mar a chaidh comhairle laghail a chleachdadh is a làimhseachadh a thaobh constabalan ionaltraidh fhastadh.

Bha cuid de dh'eòlaichean lagha ann a thog ceist roimhe mu laghaileachd na rinn an Coimisean le constabalan ionaltraidh.

Comataidhean

A thaobh suidheachaidhean ann an Col Uarach is Mangurstadh ann an Leòdhas, is ann am Both-Chunndainn ann an Loch Abar, bha dragh ann nach deach fiosrachadh a chumail mu na diofar chùisean mar a bha còir.

Bha dragh air an luchd-sgrùdaidh cuideachd gun deach na cùisean a làimhseachadh ann an dòigh is nach robh e follaiseach bhon taobh a-muigh gu dè bha a' tachairt.

Dh'fhàg sin gun robh cunnart ann nach deach riaghailtean a leantainn san aon dòigh anns an diofar chùisean.

Bha dragh ann cuideachd mun ìre san deach bòrd a' Choimisein an sàs ann am buaireadh nan comataidhean ionaltraidh, le ceist mun diofar eadar a bhith a' dèanamh sgrùdaidh orra is co-dhùnaidhean a dhèanamh às an leth.

Thuirt Àrd-Stiùiriche a' Choimisein, Bill Barron, gun toir iad feart do mholaidhean an luchd-sgrùdaidh.

Thuirt e gun deach puingean cudromach a dhèanamh is gun deach cuid de na molaidhean a chur an sàs mar thà.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile