Fàilte air maoineachadh do dh'Ionad Nibheis

Ionad Nibheis Image copyright Ionad Nibheis

Chuir muinntir a' Ghearasdain fàilte air an naidheachd gun tèid £250,000 a chosg air Ionad Nibheis sa bhaile airson am mullach a chàradh.

'S iad Comhairle na Gàidhealtachd a tha a' maoineachadh na h-obrach, a thèid a dhèanamh cho luath 's a ghabhas.

Tha daoine ag ràdh gu bheil co-dhiù ochd bucaidean a-staigh aca far a bheil am mullach ag aodion.

'S e seo an aon ghoireas de sheòrsa do luchd-turais, agus far a bheil cèilidhean agus iomadach tachartas eile gan cumail.

Am Mòd

Tha Comataidh Ionadail a' Mhòid an dòchas gun tèid farpaisean na fèise a chumail san ionad san àm ri teachd.

"Mar a tha mise a' tuigsinn, an trioblaid as motha 's e mullach an togalaich," thuirt Dougie Beck, a tha a' fuireach san sgìre agus a tha an sàs ann an Comataidh Ionadail a' Mhòid.

"'S e mullach còmhnard a th' ann, agus mar a tha fhios aig a h-uile duine, na mullaichean a tha seo, cha robh iad riamh math. Tha e doirbh an t-uisge a chumail a-mach, agus 's e sin a th' air a dhol ceàrr an seo.

"Tha an t-àite làn bhucaidean airson an t-uisge a ghlacadh.

"Ach bho fhuair an t-àite an £250,000 a tha seo, tha sin a' dol a dhèanamh feum mhòir don àite.

"'S e an rud as cudromaiche aig an ìre seo 's e gun cuir iad stad air an uisge a' tighinn a-steach.

"Aon uair 's gun dèan iad sin faodaidh iad gluasad air adhart agus obair-càraidh cheart a dhèanamh.

"Tha an togalach fhèin aig crìdhe a' bhaile, cha mhòr. Tha e faisg air na goireasan siubhail, tha e faisg air na bùithdean mòra.

Cosnaidhean

"Bidh, tha mi cinnteach, leth-dhusan buidheann ga chleachdadh eadar spòrs, gnothaichean cloinne, buidhnean pàrant is pàiste ga chleachdadh.

"Tha àite "cluiche bog" ann, tha cafaidh ann, tha bàraichean ann cuideachd.

"Agus 's dòcha an rud as cudromaiche mun àite, 's e sin an talla as motha ann an Loch Abar. Agus mar sin ma tha còmhlan mòr sam bith air chuairt san sgìre, bidh iad a' dol an sin.

"A bharrachd air sin, tha timcheall air 20 duine a' faighinn cosnadh a-staigh an sin.

"Nam biodh an t-àite a' dùnadh, 's e call mòr a bhiodh ann dhan bhaile, dha Loch Abar, agus cuideachd dhan chosta an iar air fad.

"Tha mise air Comataidh a' Mhòid shìos an seo, agus tha sinne gu mòr an dòchas gum bi sinne a' cleachdadh nan goireasan a th' aca an sin," thuirt e.