"Plana B" a dhìth seach càball

Crann

Bu chòir gabhail ris nach bi càball dealain ùr eadar na h-Eileanan an Iar agus Tìr-Mòr agus plana ùr ullachadh mu choinneimh sin, a rèir Urras an Rubha agus Shanndabhaig.

'S ann leis an Urras a tha tuath-gaoithe Beinn Ghrìdeag.

Bha àrd-oifigear na buidhne, Dòmhnall Iain MacSuain a' bruidhinn is co-chomhairle Riaghaltas Westminster mu chumhachd gaoithe eileanach air tighinn gu ceann.

Stèidhich an Riaghaltas a' cho-chomhairle às dèidh dhaibh innse nach biodh pròiseictean air tìr, pròiseictean eileanach nam measg, a' faighinn subsadaidh sa chuairt as ùire de sgeama CFD (Contracts for Difference).

Tha Comhairle nan Eilean Siar am measg na tha e ag ràdh nach tèid an càball dealain ùr a tha iad ag iarraidh air adhart gun phròiseictean mòra a bhiodh feumach air subsadaidh CFD.

Thuirt Mgr MacSuain gu bheil e follaiseach nach tig càball ùr a-nise.

Dh'iarr e gun tèid an càball a th' ann an-dràsta dhan Eilean Sgitheanach a neartachadh.

Sònraichte

Thuirt e gum bu chòir subsadaidh sònraichte CFD fa-leth a bhith aig an Riaghaltas do phròiseactan cumhachd-gaoithe coimhearsnachd, is gur e sin an dòigh a-nise an gnìomhachas ath-nuadhachail anns na h-Eileanan a leasachadh.

"Tha sinne a' smaoineachadh ma tha subsadaidhean CFD gu bhith ann gu bheil e neònach ma tha na Tòraidhean a' dol a thoirt sin dha companaidhean prìobhaideach", thuirt Mgr MacSuain.

"An argamaid a tha sinn a' dèanamh gun tigeadh an subsadaidh sin - ma tha subsadaidh gu bhith ann - gun tigeadh e dhan choimhearsnachd dìreach agus nach ann tro chompanaidhean nach toireadh dhuinn ach piullagan.

"Tha sinne a' cur an airgid a tha sinne a' faighinn dìreach air ais dhan choimhearsnachd is tha £2m air tighinn a-steach mar-thà le tuathan-gaoithe a thog a' choimhearsnachd dhaibh fhèin.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine a-nise a' faicinn gu bheil e tòrr nas buannachdail dhuinne an togail dhuinn fhèin, an àite a bhith a' sùileachadh gun tig companaidhean mòra a-steach, a' cur subsadaidhean nam pocaid tòin agus a' coiseachd air falbh leis a' phrothaid agus a' fàgail deamhnaidh beag dhan choimhearsnachd a tha seo", thuirt e.

Chaidh an dà chuid Comhairle nan Eilean Siar is Urras Steòrnabhaigh às àicheadh beachd Mhgr MhicSuain.

Thuirt a' Chomhairle gur e subsadaidh an dà chuid do leasachaidhean beaga 's mòra an aon dòigh air càball dealain ùr fhaighinn agus an gnìomhachas anns na h-Eileanan a thoirt air adhart.

Thuirt Fear-Gairm an ùghdarrais, Tormod Dòmhnallach, nach eil leithid de rud ann ri CFD coimhearsnachd.

Mì-thoilichte

Tha e den bheachd nach eil e feumail molaidhean eile a chur air adhart aig an ìre seo.

"A' mhòr-mhòr-chuid de na freagairtean a tha air a dhol a-steach dhan chonaltradh, tha iad a' cur taic ris na h-argamaidean a bha a' Chomhairle a' cur a thaobh cho deatamach 's a tha an ceangal eadar na h-Eileanan is Tìr-Mòr airson cumhachd ath-nuadhachail aig ìre sam bith tachairt anns na h-Eileanan bho seo a-mach", thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Chan eil an còrr dòigh ann an cumhachd a thoirt air falbh.

"Tha muinntir nan Eilean gu ìre mhòir gu h-aona-ghuthach mu dheidhinn. 'S e aon bhuidhinn - cho fad 's is aithne dhuinn - a tha a' moladh slighe eile is gun teagamh chan eil e cuideachail a thaobh sin", thuirt e.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gu bheil dòchas ann fhathast gun tèid càball dealain ùr a thogail.

Tha dùil ri Rùnaire a' Chumachd, Greg Clark, anns na h-Eileanan an Iar anns na seachdainnean ri tighinn.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile