Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An Gearran 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidseat

Chaidh fàgail air Rùnaire Ionmhais na h-Alba gun do chùm e airgead air ais a leig leis aonta a dhèanamh leis a' Phàrtaidh Uaine mu bhuidseat na seachdain seo chaidh. Tha na Tòraidhean ag ràdh gun robh a' chuid as motha de £200m aig Derek MacAoidh, air an robh e na shuidhe, mus tug e tuilleadh airgid dha na h-ùghdarrasan ionadail mar phàirt den aonta dhan tàinig e fhèin agus na h-Uainich, a chuir taic ris a' bhuidseat aige.

Cìs Chomhairle

Thuirt an dàrna ùghdarras ionadail ann an Alba gu bheil iad an dùil cìs na comhairle fhàgail aig an aon ìre, gun àrdachadh. Tha Comhairle Inbhir Chluaidh fo smachd Làbarach ged nach eil mòr-chuid aca. Cho-dhùin Comhairle Mheadhan Lodainn agus Comhairle nan Eilean Siar an-dè gun cuir iad 3% ris a' chìs chomhairle agus thig ùghdarrasan ionadail eile gu co-dhùnadh anns na beagan sheachdainean a tha romhainn.

Brent

Chuir a' chompanaidh ola Shell planaichean mu choinneimh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte airson raon Brent anns a' Chuan a Tuath a dhùnadh sìos uile gu lèir. Tha buidhnean glèidhteachais a' gearan mu thràth gu bheil Shell am beachd casan feadhainn de na clàran-ola fhàgail às an dèidh. Tha Shell ag ràdh gur e sin an rud as sàbhailte a ghabhas dèanamh. Bidh co-chomhairle fad dà mhìos ann air na planaichean.

Peinnsean

Shoirbhich le boireannach às Èirinn a Tuath a chaidh gu Prìomh Chùirt na Rìoghachd Aonaichte ag iarraidh còir air peinnsean a caraid nach maireann. Bha Denise Brewster à Cùil Rathainn agus Lenny McMullen a' fuireach còmhla airson deich bliadhna. Thuirt còignear bhritheamhan aig a' Phrìomh Chùirt gu bheil ise airidh air pàigheadh bhon sgeama pheinnsein. Thathas a' coimhead air a' chùis seo mar dheuchainn air ciamar a tha companaidhean peinnsein a' dèiligeadh ri càraidean nach eil pòsta ach a tha a' fuireach còmhla.

Brexit

Bidh a' bhòt mu dheireadh ann an Taigh nan Cumantan a-nochd air plana an Riaghaltais airson tòiseachadh air a' phròiseas fo am fàg Breatainn an t-Aonadh Eòrpach. Bidh deasbad ann an-diugh air tuilleadh leasachaidh air a' Bhile agus an Riaghaltas a' seachnadh ar-a-mach a-raoir bho bhuill Thòraidheach a bha ag iarraidh na bhòta mu dheireadh ann an Taigh nan Cumantan air an aonta dhan tig an Riaghaltas air a' cheann thall. Cha deach gabhail nas motha a-raoir ri atharrachaidhean a bha na Làbaraich agus an SNP ag iarraidh.

Dominic Jackson

Chaidh luchd-teasairginn a-mach an-diugh a-rithist a choimhead airson fir a chaidh air chall ann an Linne Mhoireibh. Chaidh Dominic Jackson, 35 bliadhna de dh'aois, à Fothair Chàrdainn ann an Siorrachd Obar Dheathain, gu muir ann an caidheag Disathairne. Tha luchd-teasairginn den bheachd gur e caidheag Mhgr Jackson a fhuair iad anns a' mhuir faisg air Inbhir Ùige a' bhòn-dè.