Cothroman Gàidhlig gan taisbeanadh

Sgoilearan aig an tachartas

Fhuair sgoilearan aig Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh beachd Dimàirt air na cothroman-obrach a th' ann do luchd-labhairt na Gàidhlig le seisean fiosrachaidh sònraichte, bùithdean-obrach is eile.

"Thug sinn dhaibh cothrom eòlas fhaighinn air na cothroman a th' ann airson na Gàidhlig ann an diofar obraichean," thuirt Alison Cheannadach a bhios a' teagasg san sgoil agus bha ise an sàs ann a bhith a' cur an là air dòigh.

"Oir uaireannan chan eil eòlas aig sgoilearan air dè seòrsa dreuchdan a dh'fhaodas iad faighinn airson na Gàidhlig.

"Tha na h-àireamhan a' fàs gach bliadhna, 's tha sin glè mhath.

An Starsaich Fhèin

"Tha seo a' toirt air daoine faicinn carson a tha a' Ghàidhlig feumail, agus tuigse a bhith aca gu bheil i a' toirt buannachd dhaibh nam beatha anns an sgoil agus nuair a dh'fhàgas iad an sgoil."

Bha na gnothachasan a bha an làthair ag ràdh gu bheil e cudromach fiosrachadh a thoirt do dh'òganaich mu na cothroman a th' aca air an starsaich fhèin.

"Tha sinn an seo an-diugh ag innse dhaibh mu na cùrsaichean Gàidhlig as urrainn dhaibh a dhèanamh ann an Colaiste a' Chaisteil," thuirt Chriselle NicIlleBhàin, a tha na h-òraidiche aig Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

"Bhon tha tòrr aca nach eil fhios aca gun urrainn dhaibh ceum a dhèanamh ann an Gàidhlig, agus an uair sin a dhol air adhart agus 's dòcha obrachadh anns na raointean far a bheil Gàidhlig air a cleachdadh, mar na meadhanan.

"Agus cuideachd tha sinn a' tairgsinn cùrsa post-grad dhaibh ann am bun-sgoil no àrd-sgoil.

"So dh'fhaodadh iad a dhol tron cholaiste, ceum a dhèanamh ann an Gàidhlig, 's an uair sin cùrsa airson teagasg a dhèanamh, agus gun an t-eilean fhàgail.

"Agus tha cùrsaichean againn dha fileantaich agus dha luchd-ionnsachaidh.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e feumail a bhith ag innse dha na h-oileanaich gu bheil na cùrsaichean seo ann air an eilean.

"Airson, uaireannan, chan eil fhios aca gun urrainn dhaibh Gàidhlig a dhèanamh eadar gur e luchd-ionnsachaidh no fileantaich a th' annta air an eilean fhèin.

"Tha tòrr a' smaoineachadh gum feum iad an t-eilean fhàgail. Chan eil iad a' tuigsinn gu bheil seo air an starsaich aca fhèin," thuirt i.