Caidheag ga lorg ann an iomairt theasairginn Dominic Jackson

Dominic Jackson Image copyright An teaghlach Jackson

Chaidh caidheag, a thathas a' tuigsinn a bha aig Dominic Jackson a chaidh a dhìth aig deireadh na seachdain, fhaighinn sa mhuir faisg air Inbhir Ùige.

Fhuairear lorg air an t-seòrsa caidheig a bh' aig Dominic Jackson, 35, oidhche Luain far chosta Ghallaibh - mu 50 mìle thar Linne Mhoireibh bho Phort Saoidh.

'S ann à baile Uckfield ann an Sussex a tha Dominic, ach tha e a' fuireach ann am Fothair Chàrdainn ann an Siorrachd Obar Dheathain.

Thathas a' tuigsinn gun do dh'fhàg Mgr Jackson Caladh Phort Saoidh Disathairne.

Bha Maoir-Chladaich, dàibhearan, grunn bhàtaichean teasgairginn agus heileacoptair nam Maor-Cladaich a-muigh ga shireadh Diluain, ach b' fheudar dhaibh stad ri linn ghèiltean agus droch fhairge san sgìre.

Thuirt Poileas Alba, a tha a' co-òrdanachadh na h-iomairt gus lorg fhaighinn air Mgr Jackson gum bi sgiobaidhean a' dol a-mach Dimàirt a-rithist agus gum bi iad gu sònraichte a' sgrùdadh na sgìre far an deach a' chaidheag a lorg.