Cùmhnant a' Chaisteil gus tilleadh dhan chùirt

Caisteal Leòdhais

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad fhathast misneachail gur e pròiseas ceart is iomchaidh a bh' aca 'son cùmhnant a thoirt seachad a thaobh àiteachan-fuirich aig Caisteal Leòdhais, is gun dèan iad dìon air.

Shoirbhich leis a' chompanaidh Kenman Holdings Earranta, aig a bheil trì taighean-òsta ann an Steòrnabhagh, le ath-thagradh an aghaidh riaghlaidh a bha gan casg bho bhith a' togail cùis-lagha an aghaidh na Comhairle

Tha Kenman ag iarraidh airgid-dìolaidh còrr is £23m.

Thòisich Kenman gnothaichean cùirteach is iad a' gearain gun do bhrist an t-ùghdarras ionadail riaghailtean farpais nuair a thug iad cùmhnant airson nan àiteachan-fuirich aig Caisteal Leòdhais dhan chompanaidh Natural Retreats.

Fhuair breithneachadh laghail ann an Cùirt an t-Sèisein roimhe nach b' urrainn do Kenman an gnothach a thoirt dad nas fhaide air sgàth 's nach robh iad air a' chùis a thoirt air adhart taobh a-staigh a' chlàir-ama a bha mun coinneimh.

Rinn Kenman ath-thagradh is tha triùir bhritheamhan ann an Cùirt an t-Sèisein a-nise air gabhail ris.

Chaidh togail air cho slaodach 's a bha Comhairle nan Eilean Siar air fiosrachadh a thoirt seachad, am measg eile.

Chuir Àrd-Stiùiriche na companaidh, Coinneach MacCoinnich, fàilte air co-dhùnadh nam britheamhan, is e ag ràdh gu bheil e a' ciallachadh gum bi cothrom ann a-nise an argamaid aca a chur air adhart.

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad mothachail mu cho-dhùnadh na cùirteach.

Thuirt iad gu bheil tagradh Kenman tòrr nas cuinge na bha, is nach robh a' Chùirt ach air gabhail ris gun deach a chur a-steach taobh a-staigh a' chlàir-ama cheart.

Dh'innis Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul, gu bheil iad "fhathast misneachail gur e pròiseas ceart is iomchaidh a bh' aca 'son an cùmhnant a thoirt seachad".

Thuirt Mgr Caimbeul gu bheil taic mhòr ann 'son pròiseict Chaisteil Leòdhais is gu bheil e mar-thà air eaconamaidh nan Eilean Siar a chuideachadh gu mòr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile