Dìth-talmhainn is taic-airgid

Fearann Image copyright Hazel Smith

Tha dìth talmhainn agus dìth taic-airgid a' cur croitearachd ann an cunnart dhan ath-ghinealach.

Sin beachd Phàdraig Moireasdain, fear òg aig a bheil croit ann an Griomasaigh.

Dh'fhoillsich Banca Rìoghail na h-Alba (RBS) aithisg an t-seachdain seo chaidh mun duilgheadas a tha aig tuathanaich òga le cion fearainn air an obraich iad agus dh'iarr iad coinneamh 'son deasbad air a' chùis.

"Tha e math a-nist gun tàinig RBS a-mach leis na molaidhean a bha seo an t-seachdain seo chaidh," thuirt Mgr Moireasdan.

Cothrom

"Na trì rudan a tha a' cur stad air daoine òga a bhith a' tighinn a-steach dhan ghnìomhachas, 's e a bhith a' faighinn grèim air pìos fearainn, gu bheil tòrr fearainn cho mòr agus gu bheil e ro dhaor dhaibh, 's gu bheil e doirbh airgead fhaighinn.

"An-uiridh nuair a choinnich Croitearan Òga Chaidreachas Croitearachd na h-Alba, thàinig iad suas le molaidhean gu math coltach riutha sin - a bhith a' faighinn grèim air fearann, agus airgead, a bharrachd air taighean - sin an rud eile a bh' aig na croitearan òga ri ràdh.

"Tha mi fhìn gu math fortannach a thaobh a bhith a' faighinn croit o mo theaghlach-sa.

"Ach tha an t-uabhas fearainn ann nach eil air a chleachdadh agus nach eil daoine òga a' faighinn cothrom a bhith ga chleachdadh.

"Nist, ma tha feadhainn òga sna h-Eileanan, no àite sam bith eile, 's iad a' dèanamh croitearachd anns na sgoiltean no aig ìre cholaiste, chan urrainn dhaibh a dhol air adhart leis gun pìos fearainn a bhith aca, agus gun cothrom a bhith aca a bhith a' feuchainn a-mach rudan air an fhearann.

"Tha fhios agam mar a tha daoine a tha suas ann am bliadhnaichean agus chan eil iad airson leigeil air falbh leis a' chroit aca.

"Ach chan eil croitean a tha gun chleachdadh feumail sam bith ann am bliadhnaichean ri teachd. Fàsaidh am pìos fearainn a tha sin nas miosa.

"Agus cha bhi an fheadhainn òga a tha sin a' tighinn a-steach.

Gnìomhachas

"Agus 's e rud eile a th' ann, tha croitearachd gu bhith gu math cudromach, agus nas cudromaiche buileach anns na bliadhnaichean ri thighinn, agus feumar na daoine òga airson leasachaidhean ùra a dhèanamh.

"Chan urrainn gnìomhachas sam bith a bhith air a dhèanamh san aon dòigh fad iomadach bliadhna.

"Agus mar sin tha leasachaidhean ri dhèanamh, agus feumar na daoine òga airson sin a dhèanamh.

"Tha mi toilichte gun tuirt RBS na thuirt iad.

"Feumaidh bancaichean air fad a bhith mothachail gur e fear-gnìomhachais, no tè-ghnìomhachais a th' ann an croitear.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil daoine buailteach sin a dhìochuimhneachadh.

"Feumar an aon ghrantaichean no taic-airgid a bhith ann air an son mar ghnìomhachas, agus chan ann mar rud a th' air a dhèanamh air taobh "obair cheart" mar gum biodh.

"'S e rud eile, 's e a bhith a' togail aire dhaoine mu dheidhinn dè 's urrainn do dhaoine iad fhèin a bhith a' dèanamh a thaobh an fhearainn a tha ri fhaighinn, no ma dh'fhaoidte am fearann a th' aca.

"Bhithinn-sa gu mòr a' moladh sub-lets no rudeigin a dhèanamh airson 's gum faigh daoine òga an cothrom," thuirt e.