Ceistean àiteachais Bhrexit gan cur

Fearann

Cuiridh tuathanaich ceistean air Ceannard nan Tòraidhean ann an Alba, Ruth Davidson, mu Bhrexit 's i aig co-labhairt bhliadhnail NFU na h-Alba ann an Glaschu Diluain.

Tha dùil gur e càirdeas Bhreatainn leis an Aonadh Eòrpach a bhios gu mòr air a' chlàr-ghnothaich.

Tha subsadaidhean fo Phoileasaidh Coitcheann an Àiteachais (CAP) a' deànamh suas cha mhòr dàrna leth an teachd a-steach a gheibh tuathannasan san Rìoghachd Aonaichte.

Bha sin luach còrr agus £3bn ann an 2014.

Tha NFU na h-Alba air frèama diofraichte a mholadh 'son taic a thoirt do thuathanachas, agus tha na Tòraidhean air a ràdh grunn thursan roimhe gum biodh taic ann dhaibh.

Ach ann am Pàipear Geal Riaghltas na Rìoghachd Aonaichte, a chaidh fhoillseachadh bho chionn beagan làithean, thathas a-mach air ''poileasaidhean ùra, nas fheàrr agus nas èifeachdaiche''

Thèid Ceannard nan Tòraidhean an Alba, Ruth Davidson, air beulaibh na co-labhairt ann an Glaschu Diluain, agus bidh Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, ann Dimàirt.