Tairgse a-staigh 'son seann ospadal Loch nam Madadh

Seann ospadal Loch nam Madadh
Image caption Tha planaichean ann àiteachan fuirich do dh'oileanaich a chuir air an làraich a-measg eile.

Tha buidheann choimhearsnachd ann an Uibhist a Tuath air tairgse a chuir a-steach airson seann ospadal Loch nam Madadh a cheannach.

Tòisichidh an dàrna co-chomhairleachadh Dimàirt air planaichean na buidhne, An Torc Earranta, airson an togalach a leasachadh

Dhùin an ospadal anns a' Mhàirt 2001, nuair a dh'fhosgail ospadal ùr Uibhist agus Bharraigh ann am Beinn na Faoghla.

Fad ghreis, tha a' choimhearsnachd air a bhith a' beachdachadh air dè an dòigh as fhèarr an t-seann làrach a chur gu feum a-rithist.

Tha iad a-nis air tairgse a chuir a-steach airson an togalaich, agus airson an fhearainn a tha mun cuairt air.

"Mìos chudromach a th'ann dhuinn. Tha sinn air tairgse a chuir a-staigh dhan fheadhainn aig a bheil an talamh", thuirt cathraiche na buidhne, Philip Harding.

A-measg nam planaichean a th' aca airson na làraich, tha àiteachan fuirich airson 60 oileanach.

Thathas cuideachd a' coimhead ri beachdan airson taigheadas agus goireasan do luchd-turais.

Sheall sgrùdadh a chaidh a dhèanamh ron a seo gu bheil a' choimhearsnachd ag iarraidh dreach an t-seann ospadail a chumail mar a bha ach feumar a-nis measadh nas doimhne a chur air bhonn feuch an gabh sin a dhèanamh.