Faochadh do chomhairlean

Airgead Image copyright PA

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil fios nas fheàrr aca a-niste càite am bi iad a' dèanamh ghearraidhean an dèidh dearbhadh gum faigh iad barrachd airgid na bha dùil an deidh an aonta mu bhuidsdeat Riaghaltas na h-Alba eadar an SNP agus am Pàrtaidh Uaine.

Gheibh na h-ùghdarrasan ionadail air feadh Alba £160m a bharrachd air na bha dùil.

Is coltach gum faigh Comhairle na Gàidhealtachd suim eadar £6m agus £8m.

Tha an Comh. Alasdair MacFhionghain, a th' ann an sgioba buidseat na Comhairle, ag ràdh gun toir sin beagan faochaidh dhaibh.

Maoir-Dhùthcha

"'S e deagh naidheachd a th' ann gu dearbha gu bheil sinn a' faighinn beagan a bharrachd airgid, ach a' cheist a bhiodh agamsa, càite an robh an t-airgead seo nuair a bha sinn a' faighinn an airgid anns an Dùbhlachd?" thuirt e.

"Feumaidh sinn a bhith a' coimhead air a h-uile càil a bha sinn a' coimhead air anns na seachdainnean a dh'fhalbh, agus bidh coinneamhan againn mu dè nì sinn leis an airgead a tha sinn a' faighinn," thuirt e.

Bha dùil gun deadh cur às do chosnaidhean aig seirbheis nam Maor-Dùthcha, ach tha a' Chomhairle a-nis air aontachadh nach tachair sin, 's gun coimhead iad ris an t-seirbheis a chur fo stiùir na buidhne High Life Highland.

Ach tha gearraidhean a bharrachd ri thighinn.

"Tha sinne a' coimhead air na manaidsearan," thuirt Mgr MacFhionghain.

"Tha sinn den bheachd gu bheil tòrr a bharrachd mhanaidsearan aig a' Chomhairle na bu chòir a bhiodh aca.

"Tha sinn cuideachd a' coimhead ri mar a tha a' Chomhairle a' toirt seachad nan seirbheisean aca.

"Tha sinn den bheachd gu bheil na seirbheisean a' cosg cus," thuirt e.

Tha Mgr MacFhionghain den bheachd gun toir buill taic don bhuidseat nuair a thèid bhòtadh air an ceann cola-deug.

Comhairle nan Eilean Siar

Tha taghadh aig Comhairle nan Eilean Siar dè a nì iad le mu £1.3m a bharrachd a gheibh iad às dèidh an aonta bhuidseit.

Thuirt na h-Uainich gu bheil iad a' seasamh gu làidir le coimhearsnachdan agus luchd-obrach poblach nan Eilean Siar, agus gum bi an t-airgead seo na thoiseach-tòiseachaidh air dèiligeadh ri bliadhnaichean mòra de mhaoineachadh fo ìre iomchaidh ann an ùghdarrasan ionadail.

"Tha mi a' smaoineachadh gum feum sinn fàilte a chur air gu bheil sinn a' faighinn càil idir, a bharrachd air na bha sa mheasadh a bha sinn a' dol a dh'fhaighinn bho chionn cola-deug," thuirt Fear-Gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

"Gun teagamh nì e feum a thaobh an airgid bhliadhnail againn, gu bheil sinn a' faighinn faisg air £1m den £1.3m a tha sin.

"Agus tha £300,000 eile mu choinneimh airgid chalpa, agus cuiridh sin ris a' phrògram chalpa aig a' Chomhairle thairis air na còig bliadhna a tha romhainn.

"Ach an dèidh sin feumaidh sinn fhathast gabhail ris gu bheil gearraidhean mòra ann.

"Ach 's urrainn dhuinn dèiligeadh ris a-nis air taobh a-staigh nan amasan a bh' againn agus na gearraidhean a chomharraich sinn mun àm seo an-uiridh.

"Tha e a' toirt dhuinn cothrom, nuair a bheachdaicheas sinn air a' bhuidseat air an t-seachdain seo tighinn, an dàrna cuid feadhainn de na gearraidhean a tha sin 's dòcha a lùghdachadh, no gum faod sinn an t-airgead a tha seo a chur dhan airgead a tha sinn a' cur an dàrna taobh airson buaidh nan gearraidhean ris a bheil dùil againn.

"Tha mi a' smaoineachadh, airson comhairle ùr a' tòiseachadh aig toiseach an t-Samhraidh, tha mi a' smaoineachadh gur e droch rud a bhiodh ann nan toireadh sinn air falbh an comas a bhiodh acasan dèiligeadh ris na gearraidhean a dh'fheumas iad a dhèanamh air a' bhliadhna a tha romhainn agus a' bhliadhna às dèidh sin," thuirt e.