Mil Bharraigh

Seilean Dubh
Image caption 'S e seileanan dubha dùthchasach, à Colbhasa, a tha gan cumail am Barraigh.

Ged a tha iomadh seòrsa meala ri fhaicinn sna bùithdean, chan ann tric a chithear mil às na h-Eileanan annta.

Ach, às dèidh deagh shamhraidh an-uiridh, chaidh dusan punnd meala a thoirt à beach-thaigh ann am Barraigh.

Thug buidheann bheag à Barraigh seileanan dùthchasach dubha à Colbhasa o chionn dà bhliadhna agus a-nis tha cuid den mhil ga reic ann an cnogain bheaga ann am Bùth Bharraigh.

Thòisich an obair mar chur-seachad aig aon bhoireannach, Sarah NicIllEathain, o chionn beagan bhliadhnaichean. Ged a chaidh aice air mil fhaighinn às na chum i de sheileanan, chaill i iad air a' Gheamhradh.

A' cleachdadh airgid bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, chaidh buidheann bheag a Cholbhasa airson trèanadh a dhèanamh. A-nis, tha triùir ag obair leis na seileanan, agus tha iad an dòchas leudachadh air sin sna bliadhnaichean air thoiseach.

'S e an t-seilean dubh a tha iad a' cleachdadh, seilean a tha dùthchasach dhan Rìoghachd Aonaichte.

Tha na beach-thaighean aca ann am Bàgh a' Chaisteil, Brèibhig agus Cleit. Ach, ao-coltach ri beach-thaighean àbhaisteach chan eil iad air an dèanamh le fiodha, ach le polystyrene.

Tha polystyrene nas fhreagarraiche airson aimisir Bharraigh, leis gu bheil e nas blàithe agus nas dìonaiche.

Tha oidhirpean gus mil fhaighinn air a bhith soirbheachail gu ruige seo. Chaidh dusan punnd a thoirt à aon bheach-thaigh. Ged nach eil an t-uabhas an sin, thathas a' meas nach eil e dona airson a' chiad dòrlaich.

Chaidh a' mhil a roinn eadar 50 cnogan, le ceithir unnsa gach fear agus tha e a-nis ri fhaighinn am Bùth Bharraigh.