An Solas Uaine

Tha aonta againn.

Aig a' cheann-thall thàinig e bho na h-Uainich.

Chuir iad taic ri buidseat an Riaghaltais a' fàgail gun d'fhuair e troimhe aig a' chiad bhòt a-nochd agus nuair a thig a' bhòt mu dheireadh nas fhaide air a' mhìos.

A' phrìs?

Gus taic fhaighinn bho Phàdraig Harvie agus a chòignear chàirdean b' fheudar do Rùnaire an Ionmhais, Derek MacAoidh, gabhail ri lùghdachadh de £160m anns a' ghearradh do bhuidseat nan Comhairlean.

Agus, tha e a' cur às don àrdachadh air an ìre aig am pàighear ìre 40sg na Cìse Cosnaidh.

Diombach

Gu sìmplidh, tha sin a' fàgail gum bi cùisean a' fuireach mar a tha iad.

Bha dùil gun deigheadh an ìre suas leis an atmhorachd - agus tha i a' dol nas àirde na sin ann an Sasainn.

Mar thoradh air an aonta seo, pàighidh daoine ann an Alba air tuarasdail nas àirde na £43,000 mu £400 a bharrachd gach bliadhna na daoine ann an Sasainn.

Thuige seo, bha dùil gum pàigheadh iad mu £300 a bharrachd.

Mar a bhiodh dùil, tha na Tòraidhean fiù 's nas diombaiche na bha iad roimhe.

Ach is dòcha gur ann aig na h-Uainich a tha an duilgheadas as motha.

Còmhradh

Anns an t-seòmar feasgar chaidh an dubh-chàineadh airson am buitseat a leigeil troimhe.

A rèir nan Tòraidhean bha Mgr Harvie air an SNP a tharraing don fhìor làimh chlì, am beachd nan Làbarach bha iad air a' chliù aca air an làimh chlì a leigeil seachad.

Thomhais Pàdraig Harvie nach b' urrainn dhaibh leigeil leis a' bhuidseat seo tuiteam agus cuimhne aige mun chàineadh a fhuair na h-Uainich nuair a thachair sin ann an 2009.

A-nochd, tha Derek MacAoidh air a dhòigh gum faigh e a' chiad bhuidseat aige troimhe às dèidh sheachdainean de chomhradh.

Tha na h-Uainich air sealtainn gur urrainn do phàrtaidh nas lugha buaidh a thoirt air cùisean an seo.

Chan fhada gum faic iad am faigh iad buannachd às.