Taghadh Cupa Eilean an Fhraoich

Image caption Tha cuairt dheireannach Cupa EAF gu bhith ann an Garrabost.

Chaidh geamannan Cupa Eilean an Fhraoich a' thaghadh Diardaoin, le sgioba Nis air falbh aig Na Lochan anns a' chiad chuairt.

Tha sgioba An Taobh Siar gu bhith cur fàilte air A' Bhac, le sgioba Na Hearadh a' siubhal dhan Rubha. Chan eil geama aig sgioba Chàrlabhagh sa chiad chuairt idir.

Cluichidh sgioba Chàrlabhagh an aghaidh An Rubha no Na Hearadh anns na h-iar chuairtean deireannach, le Na Lochan/Nis a' cluich An Taobh Siar no Am Bac sa gheama eile.

Thèid a' chuairt dheireannach a' chluich aig pàirce Gharraboist air Dihaoine 11mh den Lùnastal.