Barrachd Gàidhlig do sgoilearan air Ghàidhealtachd

Clann-sgoile

Thèid iarraidh air tidsearan air a' Ghàidhealtachd aig nach eil ach beagan Gàidhlig, no fiù 's corra fhacal, cùrsa Go Gaelic a dhèanamh a bheir cead dhaibh an cànan a theagasg san sgoil.

Tha seo a' tachairt aig an dearbh àm 's a tha Riaghaltas na h-Alba a' cur romhpa gum bi cothrom, ro 2020, aig sgoilearan bho P1 air cànan eile, a bharrachd air Beurla, ionnsachadh - sgeama air a bheil 1 + 2.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd airson 's gum bi co-ionnanachd ann eadar a' Ghàidhlig agus a' Bheurla.

"Tha GLPS air a bhith ann airson grunn bhliadhnaichean, far a bheil tidsearan air Gàidhlig ionnsachadh, an uair sin tha iad fhèin a' teagasg Gàidhlig dhan chloinn aca anns na clasaichean," thuirt Oifigear Leasachaidh 1+2 na Comhairle, Ruairidh MacAoidh.

"Agus a-nis tha seòrsa chùrsa ùr ann leis an ainm Go Gaelic, a tha mar an ath-cheum dha GLPS, agus tha dùil ann gum bi barrachd thidsearan a' tighinn air bòrd airson cùrsaichean a dhèanamh agus bidh iadsan ag ionnsachadh barrachd Gàidhlig tro Go Gaelic.

"Bidh barrachd misneachd aca airson a bhith a' teagasg Gàidhlig dha na sgoilearan anns na clasaichean aca.

"Aig an ìre seo tha sinn a' smaoineachadh air sgoiltean a tha a' teagasg Gàidhlig bho P1, so 's e sin mu 25 sgoil an-dràsta.

"Tha dùil againn gum bi 's dòcha 30 tidsear a' tighinn dhan chiad shreath de thrèanadh againn.

"Chan e mar Gàidhlig a theagasg fad an t-siubhail, 's e dìreach facal no dhà a bhrosnachadh, mar dathan is àireamhan 's a h-uile càil.

"Aig deireadh a' chùrsa Go Gaelic tha làn-dùil ann gum bi na facail aca co-dhiù, 's an uair sin gum bi misneachd gu leòr aca airson Gàidhlig a theagasg dha na sgoilearan," thuirt e.