Plana airson loidhne-dealain ga chur a dhara taobh

Chaidh planaichean connspaideach airson ceangal-dealain eadar Ceann Tòrr ann an Siorrachd Obar Dheathain agus a' Mhanachainn a chur a dhara taobh an dèidh ath-sgrudaidh leis a' Ghriod Nàiseanta.

Bha SSE air a bhith a' sgrùdadh diofar roghainnean agus beachd gun robh leithid de cheangal a dhìth airson cumhachd a thoirt bho thuathan-gaoithe aig muir ann an Linne Mhoireibh.

Bha luchd-iomairt air teagamhan a thogail mu cho faisg 's a bhiodh an ceangal air làraichean mar Raon Bhlàr Chùil Lodair.

Thuirt an Griod Nàiseanta nach bu chòir leantainn leis a' phròiseict aig an ìre seo.