"Sabaid" ro Chaley Thistle

Richie Foran Image copyright SNS

Tha cùisean a' coimhead nas cugallaiche do Chaley Thistle Inbhir Nis às dèidh dhaibh call 3-0 ri Hamilton Accies aig New Douglas Park Oidhche Mhàirt.

Tha sgioba Inbhir Nis a-nis trì puingean air dheireadh air Hamilton aig bonn a' Phrìomh Lìog.

Bha an cluicheadair-aghaidh Billy MacAoidh, a thill gu Caley Thistle air iasad bho Wigan, anns an sgioba ach cha tug sin dhaibh an togail a lùigeadh am manaidsear, Richie Foran.

Slaic

Thuirt Foran gun robh e duilich gabhail ri buil a' gheama agus thug e slaic air cluicheadairean.

Bha e ag ràdh: "Tha sinn a-nis a' sabaid airson fuireach anns a' Phìomh Lìog - faodaidh sinn dìochuimhneachadh mu dheidhinn crìochnachadh am measg nam prìomh sia sgiobannan.

"Chan eil cuid de na cluicheadairean deiseil airson an dùbhlain ge-tà, agus chunnaic sinn sin an-diugh".

Cuideachd, thuirt e gun robh cuid de na cluicheadairean "a' dol air falach" an aghaidh Hamilton.

Sabaid

Thuirt e: "tha sabaid romhainn a-nis"

Cluichidh Caley Thistle Dùn Dè an Inbhir Nis Disathairne.

Tha trì geamannan duilich aca às dèidh sin - Hearts an Dùn Èideann agus Rangers is Celtic aig an taigh.