Cùmhnant puist ùr aig Loganair

Loganair

Fhuair Loganair cùmhnant puist ùr còig bliadhna a thòisicheas Diciadain.

Cruthaichidh an cùmhnant leis a' Phost Rìoghail 24 obraichean ùra, nam measg obair do phìleatan agus innleadairean stèidhichte ann an Inbhir Nis agus Obar Dheathain, a thuilleadh air luchd-obrach aig na puirt-adhair ann an Arcaibh agus Sealtainn.

Leanaidh an t-seirbheis phuist a th' ann mu thràth - a tha a' ceangal Inbhir Nis ri Steòrnabhagh agus Beinn nam Fadhla - fon chùmhnant.

Bidh iad cuideachd fhathast a' sgèith eadar Inbhir Nis agus mòr-ionad a' Phuist Rìoghail anns na Midlands an Ear.

A thuilleadh air sin, tha dleastanasan ùra orra a thaobh a bhith a' ceangal Obar Dheathain, Dhùn Èideann agus Inbhir Nis.