Bha dà chòisir Ghàidhlig co-ionnan aig Fèis Chiùil Inbhir Chluaidh

Onthank PS and Whinhill PS choirs
Image caption Còisearan Bun-sgoil Onthank agus Bun-sgoil Chnoc a' Chonaisg

Bha dà chòisear Gàidhlig co-ionnan aig Fèis Chiùil Inbhir Chluaidh Disathairne, is e faileachadh air na britheamhan sgaradh a dhèanamh eadarra.

Bha Còisirean Bun-sgoil Onthank agus Bun-sgoil Chnoc a' Chonaisg a' farpais san fhèis chiùil airson a' chiad turas, ach tha coltas gum bi cuimhne orra ùine mhòr.

'S iad Còisir Bun-sgoil Chnoc a' Chonaisg, fo stiùir Alasdair Mhic a' Phì, a sheinn an toiseach le puirt-a-beul agus 'Smeòrach le Chlann Dòmhnaill mi'.

Cha robh Còisir Onthank ach a' seinn puirt-a-beul, ach a dh'aindeoin sin, cha deach aig britheamh na farpais, Coinneach MacThòmais, sgaradh a dhèanamh eadar an dà chòisir. Le sin, cho-dhùin e an duais a roinn eadar na sgoiltean.

"Tha sinn air leth toilichte an duais seo fhaighinn" thuirt Màiri Nic'IllEathain, stiùiriche Còisir Onthank. "Seo a' chiad turas a ghabh na sgoilearan againn pàirt ann am farpais sam bith. Tha e na adbhar misneachd dhan a h-uile fear is tè aca duais fhaighinn."

Tha ionadan Gàidhlig nan sgoiltean gu math beag an coimeas nan sgoiltean nas motha faisg orra ann an Glaschu agus Chondobhrait, ach a rèir nan tidsearan, tha cothroman mar an Fhèis Chiùil cudromach don chloinn. "Chan eil na sgoilearan againn a' faighinn cus cothroman coinneachadh ri, agus bruidhinn ri, clann eile a tha ag ionnsachadh Gàidhlig."

"Tha cothroman leithid seo a' toirt a' chothrom seo dhaibh, agus tha iad a' faicinn gu bheil clann eile a tha, mar iad fhèin, ag ionnsachadh an cànan. Tha sinn airson tuilleadh chothroman mar seo a' ghabhail, ma tha sin idir comasach, agus tha sinne aig Onthank co-dhiù, an dòchas turas a ghabhail don Mhòd Nàiseanta san Damhair."