Dà thubaist air an A9

Bràigh Dhruim Athasaidh Image copyright Peter Jolly/Northpix

Chaidh na seirbheisean èiginneach a ghairm gu dà thubaist san robh grunn charbadan an sàs an an A9 madainn Diluain.

Thachair tè de na tubaistean aig ceann-rathaid Drochaid Charra eadar Inbhir Nis agus an Aghaidh Mhòr.

Chaidh fireannach na 20an a thogail le heileacoptair gu Ospadal an Ràthaig Mhòir 's e air a ghoirteachadh. Thuirt na Poilis nach robh e ann an cunnart a bheatha.

Thachair an tubaist eile aig Bràigh Dhruim Athasaidh, beagan deas air Inbhir Nis. Tha na Poilis air a bhith a' stiùireadh na trafaig aig an dà làraich.

Chan eil fhios gun deach duine a ghoirteachadh san dàrna tubaist.