Foran ag amas air ICT a neartachadh

Richie Foran Image copyright SNS

Thuirt manaidsear Chaley Thistle, Richie Foran, gu bheil e fhathast a' feuchainn ris an sgioba aige a neartachadh, is gum faodadh cluicheadair ùr no dhà fiù 's a bhith ann ron gheama an aghaidh Phartaig Disathairne.

Dh'innis Foran gu bheil e air cùmhnant a thabhainn air cluicheadair dìon agus cluicheadair aghaidh.

Thuirt Foran gu bheil an dithis fo chùmhant le clubaichean eile is coltas ann gum bi an gnothach a rèir cò tha a' tighinn a-steach is a' falbh aig na clubaichean sin.

Dh'fhaodadh gum bi aonta ann mus tig Partaig a dh'Inbhir Nis Disathairne, thuirt Foran.

Thuirt an t-Èireannach gum b' fheàrr leis an sguad a neartachadh cho luath 's a ghabhas is gun a bhith a' feitheamh fios bho chluicheadairean air an là mu dheireadh mus dùin an uinneag, ged a thuirt e gur dòcha gur e sin a thachras.

Straith

Dhearbh Foran cuideachd gu bheil an Canadianach, Adam Straith, a' trèanadh còmhla ri ICT an-dràsta.

Tha Straith air 41 geama a chluich do Chanada, is gu dearbh chuir e seachad ùine eadar na puist dhaibh an aghaidh Bhermuda an t-seachdain seo chaidh.

Bha e mu dheireadh còmhla ri Fredrikstad ann an Nirribhidh.

Chluich e 'son sgioba òigridh Chaley an aghaidh Rangers an t-seachdain seo.

"Thàinig e bho thaobh eile an t-saoghail a bhith an seo is tha sin ag innse gu leòr mu dheidhinn", thuirt Foran.

"Rinn e math an aghaidh Rangers is bheir sinn sùil eile air an ath-sheachdain", thuirt e.

Às àicheadh

Chaidh Foran cuideachd às àicheadh aithrisean gu bheil e a' còmhradh ri Sìm Moireach aig Dundee United a thaobh ainm a chur ri cùmhnant le Caley as t-Samhradh.

"Cha robh mi a' bruidhinn ri Sìm Moireach idir. 'S e cluicheadair math a th' ann ach chan e fear a th' ann a tha sinn ag iarraidh".

Tha Foran gu mòr ag amas air trì puingean an aghaidh Phartaig Disathairne, a dh'fhaodadh Inbhir Nis a thogail bho bhonn na lìge.

Tha Ross County air an rathad Disathairne is iad a' dol an aghaidh Chill Mheàrnaig aig Pàirce Rugbaidh.

Tha manaidsear Chounty, Jim Mac an t-Saoir, mar thà air an sgioba aigesan a neartachadh le Jason Naismith, Jim O'Brien, Milan Lalkovic is Oscar Gobern uile a' gluasad a dh'Inbhir Pheofharain.

Boyce

Thuirt Mac an t-Saoir gun do bhruidhinn e ris na cluicheadairean aige aig deireadh 2016 is gun tuirt e riutha gun robh iad cus an eismeil Liam Boyce 'son tadhail a chur.

Thuirt e gu bheil e air a dhòigh le mar a chaidh cùisean bhon uairsin is County air pronnadh 6-2 a thoirt air Dundee United ann an Cupa na h-Alba Disathairne seo chaidh.

Tha e ag iarraidh a-nise gun cluich iad mar sin nas trice.

"Bha sinn suas is sìos na bu tràithe san t-seusain", thuirt Mac an t-Saoir.

"'S e sin an trioblaid a bh' againn sa chiad leth den t-seusan, ach chrìochnaich sinn 2016 gu math.

"Tha fios againn gum bi na geamaichean an aghaidh nan sgiobaidhean a tha timcheall oirnn glè chudromach ma tha sinn gu bhith sa phrìomh shia aig deireadh an t-seusain, is 's e sin an targaid a th' againn", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo