Oidhirp air seann sgoil Chàrlabhaigh a cheannach

Càrlabhagh Image copyright Alan Stewart/Geograph
Image caption Cumar coinneamh an ath-oidhche feuch taic fhaighinn bho mhuinntir an àite

Tha dùil gun tèid tagradh gu Stòras Fearainn na h-Alba an ath-sheachdain airson Bun-sgoil Chàrlabhaigh ann an Leòdhas a cheannach.

Dhùin an sgoil bho chionn trì bliadhna 's tha Comann Coimhearsnachd Chàrlabhaigh air a bhith ga ruith air iasad bhon uair sin.

Feumaidh iad £9,000 airson an togalach a cheannach.

Cumaidh iad coinneamh oidhche Haoine feuch taic fhaighinn bho mhuinntir an àite.

Tha bùth, àite-bìdhe agus oifisean am measg na dh'fhaodadh iad a dhèanamh leis.

Tha iad cuideachd an dòchas cothrom a bhith ann cultar agus dualchas an àite a thaisbeanadh do luchd-turais.

Tha a' bhuidheann an dùil planaichean nas mionaidaiche a dhealbh as t-Samhradh, agus gum bi beachd nas fheàrr aca an uair sin mu dè na dh'fheumas iad de dh'airgead agus cò às a dh'fhaodadh e a thighinn.

Bidh a' choinneamh sin ann an togalach na sgoile aig 7:00f Dihaoine.

Tuilleadh air an sgeulachd seo