£1m airson cidhe Ùige a leasachadh

MV Hebrides Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Gabhaidh an t-aiseag ùr àite an MV Hebrides.

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd £1m a thoirt seachad mu choinneimh an leasachaidh aig cìdhe Ùige san Eilean Sgitheanach.

Tha obair a dhìth air a' chidhe 's bàta ùr ga thogail an-dràsta airson na slighe - 's dùil gum bi i sin deiseil an ath-bhliadhna.

Gabhaidh i àite an MV Hebrides a tha a' seòladh eadar Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart.

Thuirt cathraiche Comataidh Dealbhachaidh agus Bun-structair na Comhairle, Audrey Nic na Ceàrdaich, gum faodar gluasad air adhart leis an obair a-nis 's fios aca dè an cruth a bhios air an aiseag ùr.

Thuirt i gu bheil e cudromach gum bi an obair deiseil mus tig am bàta ùr gus am faod i tòiseachadh air an t-seirbheis cho luath 's a ghabhas.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile