17 obraichean gan call an Inbhir Nis

Roy Homes Image copyright Roy Homes

Chaidh 17 obraichean a chall ann an Inbhir Nis is companaidh togail air a dhol fodha.

Chuireadh Roy Holmes Earranta is buidheann eile a bha ann an co-bhuinn riutha, Roy Homes Timber Frame Earranta, ann an rianachd air sgàth dìth ionmhais.

Chaidh Roy Holmes a stèidheachadh ann an 1979 agus anns na bliadhnaichean mu dheireadh bha iad air am measadh mar a' chompanaidh as motha sa cheann a tuath a bha a' cruthachadh fhrèamaichean do dhaoine a bha airson an dachaighean fhèin a thogail.

Thòisich Roy Homes Timber Frame Earranta ann an 2011 is iad a' togail nan frèamaichean dhan chompanaidh eile.

Thuirt an luchd-rianachd, FRP Advisory, gun do ghabh na companaidhean £3m an-uiridh ach gun robh iad air fàiligeadh le dìth airgid.

Chaill an luchd-obrach gu leìr, 17 dhiubh, an cosnadh.

Thuirt an luchd-rianachd gu bheil iad a' reic ghnothaichean is cliù nan companaidhean, is gu bheil iad cinnteach gum bi ùidh aig gu lèor annta.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile