Uard fosgailte a-rithist

Chaidh uard 2C aig Ospadal an Ràthaig Mhòir fhosgladh a-rithist do dh'euslaintich ùra às dèidh ghlanaidh mhionaidich.

Chaidh an uard a dhùnadh air an 14mh den mhìos is triùir euslainteach a' fulang le flù.

Thug Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd taing dhan phoball is iad air casg a chur air luchd-tadhail 'son ùine cuideachd.

Dh'iarr iad a-rithist air daoine air a bheil comharraidhean flù gun a bhith a' tadhal air an ospadal.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile