Cumhachdan ùra do choimhearsnachdan

Fearann

Tha lagh ùr ga chur an gnìomh Dimàirt a chuidicheas le a bhith a' cumail dhaoine òga air a' Ghàidhealtachd - a rèir tè de Bhuill-Phàrlamaid Albannach na sgìre.

Bha Ceit Fhoirbeis a' bruidhinn air Achd Cumhachd nan Coimhearsnachdan, agus pàirt ùr dheth ga chur an gnìomh.

Bidh cothrom aig coimhearsnachdan fearann, togalaichean is eile a cheannach neo fhaighinn air màl bho bhuidhnean poblach.

Tha i den bheachd cuideachd gu bheil airgead gu leòr san sporran airson na dh'iarradh an leithid a dhèanamh.

"'S e Achd an Ùghdarrachaidh Choimhearsnachd aon de na laghan as cudromaiche a th' againn ann an Alba, gu h-àraid air a' Ghàidhealtachd," thuirt a' Bh-Ph. Fhoirbeis.

"Agus thàinig Pàirt 5 gu gu bith an-diugh. Sin am pàirt a tha a' ciallachadh gu bheil cothrom aig coimhearsnachdan togalaichean no fearann a tha an-dràsta ann an làmhan nan comhairlean agus mhinistearan an Riaghaltais a cheannach.

"Sa chiad àite feumaidh na coimhearsnachdan dèanamh cinnteach gu bheil feum aca air na goireasan seo.

"Agus feumaidh iad a dhèanamh soilleir dhan Riaghaltas gu bheil feum aca air.

"Nam bheachd-sa, tha fios aig na coimhearsnachdan tòrr a bharrachd air duine sam bith eile dè na duilgheadasan agus na trioblaidean anns an àite aca fhèin.

"Tha diofar ìrean de chumhachd, agus nuair a tha sinn feumach air 's dòcha dhà no trì taighean, no àiteachan airson bhuidhnean ùra no fiù 's fearann airson liosan, 's e na coimhearsnachdan fhèin a tha tòrr nas eòlaiche air na tha iad feumach air na Comhairle na Gàidhealtachd mar eisimpleir.

"Agus 's e an aon rud le Riaghaltas na h-Alba.

"Gheibhear airgead airson seo a thoirt air adhart bho leithid Maoin Fearainn na h-Alba - agus tha tòrr a bharrachd airgid anns a' mhaoin a tha sin a-nis air sgàth 's gun do chuir sinne £2m a bharrachd ann.

"Tha mise den bheachd gu bheil seo a' dol a chuideachadh a bhith a' cur stad air daoine a bhith a' fàgail na sgìre.

"Bidh cothrom aig coimhearsnachdan am fearann a cheannach airson leithid rathaidean, agus togalaichean agus taighean a thogail," thuirt i.