Davies a' fuireach le County

Anndra Davies Image copyright SNS

Dhearbh Ross County gu bheil am fear-dìon Sasannach Anndra Davies air ainm a chur ri cùmhnant ùr gu 2019.

Thàinig Davies, 32, a dh'Inbhir Pheofharain bho Bhradford ann an 2015 is bha e na sgiobair air County nuair a bhuannaich iad Cupa na Lìge ann an 2016.

B' e buille a bh' ann dhan chluba nuair a dh'innis Davies às dèidh sin gun robh e airson tilleadh gu deas air adhabharan teaghlaich.

Cha mhòr nach do chluich Davies gach geama do Chounty bhon uairsin ge-tà.

Rinn manaidsear a' chluba, Jim Mac an t-Saoir gàirdeachas mun chùmhnant ùr.

"Tha sinn air ar dòigh gu bheil Anndra a' fuireach", thuirt Mac an t-Saoir.

Buannachd

"Tha an teaghlach aige glè thoilichte san sgìre a-nise agus tha e na bhuannachd mhòir dhuinn gu bheil e gu bhith againn co-dhiù dà bhliadhna eile.

"Chanainn gur e fear de na cluicheadairean as fheàrr de a leithid san lìog", thuirt e.

Tha Mac an t-Saoir air a bhith trang anns na làithean mu dheireadh.

Rinn e aonta le St Mirren airson Jason Naismith a thoirt gu tuath.

Thug e an uairsin Jim O'Brien is Milan Lalkovic air iasad bho Shrewsbury is Portsmouth.

Chuir cuideachd Oscar Gobern ainm ri cùmhnant gu deireadh an t-seusain.

Aig an aon àm, dh'fhàg Erik Cikos is Kyle MacLeòid an cluba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile