Iomairt Mhachaire Shànais aig Westminster

Ionad Machaire Shànais Image copyright Johnny Durnan / Geograph

Bidh buidheann à Earra-Ghàidheal aig Westminster Dimàirt is iad ag iomairt airson a' chiad phort fànais san Rìoghachd Aonaichte a stèidheachadh ann an Cinn Tìre.

Thathas an dùil gun gabhadh a chleachdadh airson saidealan is rocaidean a chur dha na speuran.

Dh'fhaodadh cuideachd gun gabhadh tursan fànais a stèidheachadh uaireigin.

Tha ceithir àiteachan ann an Alba air ùidh a nochdadh sa chùis roimhe.

'S iad sin Machaire Shànais, Steòrnabhagh, Preastabhaig is Luacharas, le Llanbedr sa Chuimrigh is Newquay sa Chòrn cuideachd air innse gu bheil iad iadsan ag iarraidh a' ghoireis.

'S ann le buidhinn choimhearsnachd a-nise a tha seann ionad NATO ann am Machaire Shànais.

Chaidh an t-ionad a chur gu feum anns na h-80an mar phàirt de phròiseict fànais NASA.

Bidh riochdairean na h-iomairt aig Westminster Dimàirt is iad gus cuideam a chur air an Riaghaltas an t-àite a thaghadh.

Tha taic aca bho BhP na sgìre, Brianan O'Hara, is e ag ràdh gu bheil Machaire Shànais cho freagarrach 's a ghabhas leis cho fada 's a tha an raon-laighe, agus leis nach eil sluagh mòr a' fuireach faisg air làimh.