"Adhartas" a thaobh Ospadal Bharraigh

Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

Thuirt comhairliche Bharraigh gun deach adhartas a dhèanamh air plana airson ospadal ùr a thogail ann am Barraigh.

Choinnich Dòmhnall Manford ri Bòrd Slàinte nan Eilean Siar Dihaoine is iad a' beachdachadh air pàipear gnothachais mun phròiseict.

Thog Mgr Manford dragh roimhe mu cho fad 's a bha e a' toirt gluasad fhaighinn air a' chùis, is e a' fàgail air a' Bhòrd-Slàinte nach robh iad a' cumail fiosrachadh ris an t-sluagh mar a bha còir.

Dh'iarr e air Rùnaire na Slàinte, Shona Robison, cabhag a chur sa ghnothach.

Thuirt Mgr Manford gu bheil adhartas a-nise ga dhèanamh.

"S e deagh choinneamh a bh' ann", thuirt Mgr Manford.

"Tha mi riaraichte gu bheil a' phròiseict a' gluasad air adhart. Tha tòrr ri dhèanamh fhathast ann an ùine ghoirid, ach tha sinn air an t-slighe cheart a-nise.

"Tha e aithnichte nach eil an t-ospadal a th' againn math gu leòr is gun robh feum air goireas ùr bho chionn fhada.

"Tha mi an dòchas gu bheil sin air fàire a-nise is gum faigh a' choimhearsnachd ann am Barraigh cothrom a bhith an lùib a' phròiseis", thuirt e.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gu bheil dùil aig Riaghaltas na h-Alba pàipear gnothachais fhaighinn bhon Bhòrd-Slàinte as t-Earrach no tràth as t-Samhradh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile