Atharrachadh air ceannas sgoiltean air Ghàidhealtachd?

Oifisean na comhairle

Dh' fhaodadh gun tèid iarraidh air ceannardan sgoile air Ghàidhealtachd a bhith ruith suas ri còig sgoiltean aig an aon àm - sgoiltean "cluster" - bhon Lùnastal 2017.

Thèid iarraidh air comhairlichean Chomhairle na Gàidhealtachd an ath-sheachdain taic a chuir ri atharrachaidhean anns an dòigh anns a bheilear a' ruith 38 àrd-sgoiltean is bun-sgoiltean.

Thathar a' moladh an dòigh-obrach ùr do sgoiltean ceangailte ri Acadamaidh Chille Chuimein, Àrd-sgoiltean ann an Ceann Loch Biorbhaidh, Fàrr, Malaig, Dornach agus Àrd-sgoil a' Phluic.

Bhiodh na planaichean ùra cuideachd a' toirt buaidh air bun-sgoiltean co-cheangailte ri Àrd-sgoil Loch Abar agus Acadamaidh Allt a' Mhuilinn an Inbhir Nis.

Tha pàrantan air càineadh a dhèanamh air na planaichean agus air an dòigh anns an do rinn an t-ùghdarras ionadail co-chomhairleachadh air a' chuspair.

Ach tha ceannardan foghlaim na comhairle ag ràdh gun cuidicheadh na planaichean le dìth luchd-obrach agus gum biodh na h-atharrachaidhean a' ciallachadh gun cuireadh ceannardan seachad nas lugha de dh' ùine ann an clasaichean.

Thuirt iad cuideachd gum faodadh gun sàbhail e sgoiltean beaga a-muigh air an dùthaich bho bhith air an dùnadh.

Tha modailean "cluster" ag obrachadh mar-thà ann an sgìre na Gàidhealtachd agus ann an sgìrean eile ach chan eil a' chuid mhòr a' gabhail a-steach àrd-sgoil ionadail na sgìre.

Sàbhaladh

Thathar a' tomhais gum faodadh a' chomhairle £750,000 a shàbhaladh anns a' chiad bhliadhna.

Ach tha dùil gum feumaiste tuarasdalan nas àirde a phàigheadh do cheannardan sgoile ma bhios uallach a bharrachd orra.

Thèid na h-atharrachaidhean a dheasbad aig coinneamh de chomataidh foghlaim agus seirbheisean chloinne agus inbheach na comhairle Diardaoin 26mh den Fhaoilleach.