"Thèid èisteachd ri beachdan mu HIE"

Nicola Sturgeon Image copyright PA
Image caption Chaill Riaghaltas na h-Alba bhòt anns a' Phàrlamaid Diciadain

Gheall am Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon feart a thoirt air bhòt ann am Pàrlamaid na h-Alba an t-seachdainn-sa far an do robh mòr-chuid dhen na buill airson bòrd HIE a ghlèidheadh.

Chaill an Riaghaltas a' bhòt, le mòr-chuid de dh'aon, 's buill a' cur taic ri gluasad bho bhall Tòraidheach a bha airson bòrd na buidhne iomairt a ghlèidheadh.

Tha an Riaghaltas a' moladh cur às do bhòrd HIE, is bòrd ùr a stèidheachadh le dleastanas airson HIE, Iomairt na h-Alba is Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, am measg eile.

Tha na pàrtaidhean dùbhlanach ag ràdh gur e cur às do HIE a bhiodh ann, is gur e eiseimpleir eile a th' ann dhan SNP a bhith a' tarraing chumhachd a-steach gu meadhan na dùthcha.

Thuirt an Riaghaltas gum biodh HIE fhathast ann, is air a stiùireadh gu h-ionadail.

A' bruidhinn aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir Diardaoin, thuirt Nicola Sturgeon gun tèid feart a thoirt air buil na bhòt.

Tha dùil ri còmhraidhean thar-phàrtaidh a-nis feuch an gabh aonta a ruighinn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile