Dùbhlan a' Bhuidseit

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha ùghdarrasan ionadail na dùthcha eòlach gu leòr a-nise air gearraidhean a dhèanamh, is iad air sàbhalaidhean luach nam milleanana mòra a chur an sàs anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh.

'S fhada bho thòisich linn nan gearraidhean, is aig an ìre seo co-dhiù, chan eil coltas ann gu bheil e gus tighinn gu ceann.

'S e an aon duan a bhios aig na h-ùghdarrasan gach turas - gur e fìor dhùbhlan a th' ann dhaibh buidseat cothromach a stèidheachadh agus seirbheisean is cosnaidhean a dhìon.

Tha cothrom aig daoine a-nise feuchainn ri buidseat comhairle a chothromachadh iad fhèin le goireas air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha dùbhlan ann £14m a shàbhaladh le gearraidhean a thaghadh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad an dòchas gum faic daoine cho doirbh 's a tha obair a' bhuidseit, is mar a tha gearraidhean ann an aon àite a' toirt buaidh air roinnean eile.

Bidh an goireas air làrach an ùghdarrais gus an 6mh là den Ghearran.

Thèid buidseat Chomhairle na Gàidhealtachd a stèidheachadh seachdain às dèidh sin air an 16mh là den mhìos.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile