Atharraichean san Iomain

Pairce a' Bhucht
Image caption Pàirce a' Bhucht

Thèid na taghaidhean 'son grunn de na cupanan san iomain a dhèanamh Diluain.

Ged a bu chòir fois a bhith aig na sgiobaidhean tron Gheamradh is an lìog na tàmh 'son dà mhìos eile, tha gu leòr air tachairt.

Tha ceithir de sgiobaidhean na Prìomh Lìge air na manaidsearan aca atharrachadh.

Chrìochnaich Caol Bhòid san dara àite sa Phrìomh Lìog ann an 2016 agus tha am fear a bha na mhanaidsear orra, Tormod Dòmhnallach, air fàgail - is fear a bha na choidse ann co-dhiù, Seumas Perlich, a' gabhail àite os cionn ghnothaichean aon uair eile.

Ghlèidh sgioba Thaigh na Bruaich Cupa Comann Ceiltich Ghlaschu - ach bha iad naoi puingean air cùlaibh Bhaile Ùr an t-Sleibh san lìog - bidh obair mhòr air beulaibh Perlich am beàrn sin a ghearradh leis gu bheil am Baile Ùr air seachd tìotal ann an sreath a bhuannachadh.

Dà àite air dheireadh air Caol Bhòid bha Ceann Loch Seile.

Cha robh iad a-riamh air crìochnachadh cho àrd san lìog agus bhuannaich iad cupa nàiseanta 'son a' chiad turais nuair a rinn iad a' chùis air Inbhir Aora ann an Cupa MhicAmhlaigh.

A dh'aoindeoin sin, tha Johnston Gil a' gabhail na sgioba os làimh a-rithist. Bha e roimhe na mhanaidsear air an sgioba eadar 2011 agus 2014.

Ghabh Cailean Friseal àite Gil ann an 2014, ach an dèidh bhòta le buill a' chluba 's ann an taobh eile a tha an dithis a' dol am-bliadhna.

Cha robh an dà sgioba eile aig a bheil manaidsearan ùra am-bliadhna cho soirbheachail an-uiridh.

Ceann a' Ghiùthsaich

'S ann a bha Ceann a' Ghiùthsaich sa chòigeamh àite san lìog - ach ochd puingean air dheireadh air Ceann Loch Seile.

Chaidh Dallas Young, fear a bha na phàirt de na sgiobaidhean ainmeil aig Ceann a' Ghiùthsaich aig deireadh na linne seo chaidh, ainmeachadh mar mhanaidsear ùr na sgioba. Tha e a' gabhail àite Ruiseal Jones agus Dàibhidh MhicAnndrais.

Tha Young air a bhith ag obair le òigridh Cheann a' Ghiùthsaich 'son deich bliadhna, agus tha e a-nis a' faighinn cothrom leis a' phrìomh sgioba.

Agus mu dheireadh tha Lòbhat, an dèidh dhaibh Cupa na Camanachd a thogail 'son a' chiad turais ann an còrr is 50 bliadhna ann an 2015, 's e beagan de bhrìseadh dùil a bh' ann an 2016.

Chaill iad sa chiad chuairt den fharpais sin, agus Cupa MhicThàmhais, agus chrìochnaich iad san t-seachdamh àite san lìog.

Mar thoradh air sin tha Friseal Gallacher a' dol na mhanaidsear orra a' gabhail àite Iain MhicRisnidh - tha esan a' fuireach na dhreuchd mar cheann-suidhe a' chluba ge-tà.

Tha manaidsearan ùra aig dà sgioba a tha an dùil a bhith a' farpais aig mullach na lìge nàiseanta cuideachd, is Ailean MacRath aig a' Mhanachainn agus Uilleam Cowie agus Peadar Gòrdan aig an stiùir air sgioba an Eilean Sgitheanaich.