A' Bheurla "a' cur às don Eadailtis"

Florence
Image caption Chaidh an Accadamia della Crusca a stèidheachadh ann am Florence ann an 1582.

Chaidh rabhadh às ùr a thoirt mun bhuaidh a tha a' Bheurla a' toirt air cànanan eile.

Tha coltas nach e mìon-chànanan mar a' Ghàidhlig a-mhàin a tha a' fulang, ach fiù 's cànan mòr Eòrpach mar Eadailtis.

A rèir cheannard acadamaidh cànain anns an Eadailt, dh'fhaodadh cànan na dùthcha a dhol à bith aig a' cheann thall, fo bhuaidh na Beurla.

Tha an t-Oll. Claudio Marazzini os cionn na h-Accademia della Crusca - acadamaidh mhòr nàiseanta a tha gu h-eachdraidheil air a bhith a' coimhead ri beartas na h-Eadailtis.

A' dol dhan water

'S e rabhadh gu math cruaidh a th' air tighinn bhuaithe.

Tha buaidh na Beurla a-nis ag atharrachadh cleachdadh na h-Eadailtis chun na h-ìre 's gu bheil structuran a' chànain a' briseadh sìos.

Tha tràthan gnìomharach is eile a' dol à bith am measg cuid de dh'òigridh, tha e ag ràdh, 's iad a' cur structair na Beurla air an Eadailtis aca - Beurla a tha iad a' faicinn 's a' cluinntinn air an eadar-lìon.

Tha an Accademia della Crusca - a chaidh a bhonntachadh ann am Florence ann an 1582 - aithnichte airson a bhith gu math glèidhteach, neo-fhulangach a thaobh atharrachaidhean sam bith sa chànan.

Tha faclan agus structar gramataigeach na Beurla a-nis bitheanta an lùib a' chànain.

Am measg na tha a' cur dragh air an Oll. Marazzini, tha facail leithid "strategy", "jobs act" agus "spending review".

Bidh an òigridh, tha e ag ràdh, a' strì gus an tuiseal fo-leantach, no subjunctive - a' ciallachadh gum faodadh rudeigin tachairt, no gur dòcha gun tachair e - a chleachdadh gu ceart.

Tha fiù 's an tràth teachdail a' falbh, agus daoine ag ràdh "tighinn mi dhan taigh agad a-màireach" seach "thig mi...".

Tha cuideachd facail ùra gan cruthachadh eadar an Eadailtis agus a' Bheurla, agus fiù 's ciall gu tur ùr ga toirt do dh'fhacail Bheurla.

Pàist-ghràisg

Cleachdar "Smoking" mar ainm seacaid dinneir no tuxedo.

Canaidh cuid a tha a' falbh dhan taigh-bheag gu bheil iad a' dol dhan "water".

Tha "Baby gang" ga chleachdadh airson gràisg de dh'òigridh mhillteach, air adhbhar air choireigin.

Canar cuideachd "outing" airson a bhith ag innse do dhaoine gu bheil thu gèidh, agus am facal "night" airson cluba-oidhche.

Tha cuideachd am facal amalaichte "chattare" a-nis ga chleachdadh barrachd is barrachd an àite na h-Eadailtis ceart "chiacchierare" airson còmhradh neo-fhoirmeil.

Ma leanas seo, 's e Eadailtis a bhios air a beartas a chall a bhios air fhàgail, a rèir an Oll. Marazzini.

Tha e den bheachd gum faodadh gun tèid an cànan à bith ron bhliadhna 2300, agus gur e a' Bheurla a bhruidhneas na h-Eadailtich an uair sin.

Uell, Beurla 's dòcha, ach chan ann mar as aithne dhuinn i.