Riaghaltas a' call bhòt air HIE

HIE

Tha Comhairle nan Eilean Siar is Comhairle na Gàidhealtachd am measg na tha ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba beachdachadh às ùr air plana airson cur às do bhòrd HIE, às dèidh bhòt air a' chùis anns a' Phàrlamaid oidhche Chiadain.

Chaill an Riaghaltas a' bhòt, le mòr-chuid de dh'aon a' cur cùl-taic ri gluasad Thòraidheach airson bòrd na buidhne iomairt a ghlèidheadh.

Tha an Riaghaltas a' moladh cur às do bhòrd HIE, is bòrd ùr a stèidheachadh le dleastanas dha HIE, Iomairt na h-Alba is Comhairle Maoineachaidh na h-Alba, am measg eile.

Tha na pàrtaidhean dùbhlanach ag ràdh gur e cur às do HIE a bhiodh ann, is gur e eiseimpleir eile a th' ann air an SNP a bhith a' tarraing chumhachd a-steach gu meadhan na dùthcha.

Thuirt an Riaghaltas gum biodh HIE fhathast ann, is air a stiùireadh gu h-ionadail.

Às dèidh deasbad a bha aig amannan sradagach, shoirbhich le gluasad bhon bhall Thòraidheach, Dàibhidh Camshron, a bha a' cur an aghaidh a' phlana, le bhòt 64 gu 63 an aghaidh an Riaghaltais.

Thathas a' tuigsinn gun tèid an Riaghaltas a-nise an sàs ann an còmhraidhean thar-phàrtaidh feuch slighe air adhart a lorg.

Tha Comhairle nan Eilean Siar is Comhairle na Gàidhealtachd am measg na tha ag iarraidh air an Riaghaltas beachdachadh às ùr air na planaichean aca.