Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Rùnaire Brexit, Dàibhidh Davis, gu bheil e gu math cinnteach nach toir e fada a' faighinn an aonta as fheàrr airson Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach. Thuirt e gu bheil cabhag air dùthchannan eile malairt a dhèanamh le Breatainn agus gum faod còmhradh tòiseachadh riutha gun riaghailtean an EU a bhristeadh. Thuirt Mgr Davis ris a' BhBC gu bheil uimhir de mhalairt eadar Breatainn agus an EU 's gu bheil e gu buannachd gach taobh aonta a ruigheachd cho luath 's a ghabhas.

Cosnaidhean

Dh'èirich an àireamh dhaoine ann an Alba a bha a' sireadh obrach mu 11,000 eadar an t-Sultain agus an t-Samhain an-uiridh, ged a thuit an àireamh air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Bha an àireamh ann an cosnadh ann an Alba sìos cuideachd, mu 14,000. Tha sin a' cur ìre cion cosnaidh na h-Alba aig 5.1% ged a tha an àireamh air feadh na Rìoghachd Aonaichte aig an ìre as lugha ann an còrr 's deich bliadhna, aig 4.8%. Bha an àireamh gun chosnadh air feadh Bhreatainn sìos 52,000 gu 1.6 millean.

GDP

Thàinig fàs air eaconamaidh na h-Alba anns an treas cairteal de 2016 a rèir nam figearan as ùire. Chaidh toradh GDP na h-Alba suas 0.2% eadar an t-Iuchar agus an t-Sultain, an coimeas ris na trì mìosan ron sin. Bha fàs de 0.6% ann an eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte aig an aon àm.

Crith-thalmhainn

Bha dà chrith-thalmhainn ann am meadhan na h-Eadailte, anns na sgìrean a tha fhathast a' feuchainn ri faighinn seachad air crith-thalmhainn mhòir anns an Lùnastal an-uiridh. Chan eil fiosrachadh soilleir ann fhathast air an deach mòran sgrios no call a dhèanamh.

Drabastachd

Dh'èirich an àireamh aithrisean air drabastachd an aghaidh cloinne ann am ball-coise gu còrr 's 1,000, a rèir nam figearan bho Chomhairle Nàiseanta nan Ceannardan Poileas. Agus tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil an àireamh dhaoine as aithne dhaibh a dh'fhaodadh a bhith fo amharas air èirigh gu 184.

HIE

Thèid iarraidh air Riaghaltas na h-Alba an-diugh bòrd-stiùiridh Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean a ghlèidheadh, seach cur às dha mar a tha iad am beachd a dhèanamh. Chuir na pàrtaidhean dùbhlain deasbad air dòigh ann am Pàrlamaid na h-Alba 's iad ag ràdh gu bheil an Riaghaltas a' sìor tharraing cumhachd gu meadhan na dùthcha. Chaidh Rùnaire na h-Eaconamaidh, Keith Brown, às àicheadh sin.