Slighe fhada teachdaireachd botail Innis Tìle
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

"Botal" le teachdaireachd na bhroinn a' ruighinn Tiriodh

17 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

'S iomadh duine a tha air a bhith ris a' chleas - a' cur teachdaireachd ann am botail - ga thilgeil dhan mhuir le dòchas gun tèid a thogail le cuideigin, am b'adaigin, an ceann-ùine.

Sin a rinn program telebhisean saidheans ann an Innis Tìle bho chionn bliadhna.

Cha b'e cleas a bha seo, ge-ta, ach oidhirp sealltainn na tha tachart le sgudal a thathas a' thilgeil dhan mhuir.

Agus sheall an uidheamachd GPS a bha ceangailte ris a' bhotal seo gu bheil e a' dol astar gu math fada.

Chaidh am botal seachad air a' Ghraonlann, agus air Canada, mus d'thàinig e air tìr ann an Tiriodh.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.