Obair-càraidh a dhìth air an Lord of the Isles

MV Lord of the Isles

Cha bhi seòlaidhean aiseig eadar Loch Baghasdail agus Malaig airson co-dhiù pàirt den ath-sheachdain, 's obair-càraidh a dhìth air an MV Lord of the Isles.

Tha pìos stàilinn a' fàs tana agus feum air ùrachadh.

Fàgaidh am bàta Loch Baghasdail aig 0600 Diluain mar as àbhaist, 's i siubhal don Òban.

Thèid i an uairsin dhan doc-tioram ann an Grianaig airson obair-càraidh.

Seòlaidhean a bharrachd

Bidh seòlaidhean a bharrachd ann thar Chaolais Bharraigh, tràth sa mhadainn agus anmoch air an fheasgair, gus ceangal a dhèanamh ris an aiseag eadar Bàgh a' Chaisteil agus an t-Òban fhad 's a mhaireas an obair-càraidh.

Thuirt Manaidsear Tecnigeach ChalMac, Raibeart Kelso, gun deach lorg fhaighinn air a' phìos a tha feumach air ùrachadh dìreach ron Nollaig.

"Cha robh sinn airson a toirt a-mach às an uisge thar àm thrang na Nollaige agus dh'àontaich sinn leis an MCA an obair a chur dheth gu trath 's a bhliadhn' ùr.

"Chan eil fhios againn dè cho fada 's a bheir an obair ach nì sinn a h-uile càil gus dèanamh cìnnteach gun tìll i chun na slighe cho luatha 's a ghabhas", thuirt e.