"Botal" à Innis Tìle a nochdadh ann an Tiriodh

Message in a bottle

Thàinig botal sonraichte a bh' air a thilgeal dhan mhuir far Innis Tìle air tìr ann an Tiriodh.

Chuir luchd-saidheans dà bhotul às a bheil inneal GPS dhan mhuir far chosta deas Innis Tìle san Fhaoilleach 2016.

Chaidh iad chun iar an toiseach a dh' ionnsaigh Ghraonlainn agus costa Chanada mus do ghluais iad chun ear tarsainn a Chuain Shiar.

Chaidh aon dhiubh a lorg ann an Tiriodh agus tha am fear eile sa mhuir far na h-Eileanan an Iar.

Bha e comasach turas nan innealan a leantainn air làrach-lìn a chuir prògram telebhisean saidheans ann an Innis Tìle air chois.

Image caption Fhuair Rhoda Meek lorg air an inneal ann an Tiriodh.

Chaidh an deuchainn shaidheansail a dhèanamh airson sealltainn mar a tha sgudal a th' air a thilgeal dhan mhuir ag adhbhrachadh trioblaid do dhaoine ann am pàirtean eile dhan t-saoghal.

Fhuair Rhoda Meek lorg air an inneal air costa sear Thiriodh às deidh mar a chaidh innse dhìth gur dòcha gum biodh e ann.

"Chaidh mi a-mach an dùil botal ceart a lorg", thuirt I.

"Chunnaic mi seòrsa de phuta soillear buidhe air na creagan agus rinn mi a-mach gur e seo am "botal".

"Bhiodh e air a bhith math a chumail ach tha mi air a chòmhdachadh agus air a chuir dhan phosta air ais a dh'Innis Tìle", thuirt I.

Tha an darna inneal anns a Chuan Shiar far na h-Eileanan an Iar.

Tha an luchd-saidheans à Innis Tìle an dòchas fiosrachadh fhaighinn bho na h-innealan GPS.

Bha iad an dùil an toiseach gun ruigeadh na h-innealan Nirribhigh.