"Còmhraidhean leantaineach" mu uranium a sgeith dha na Stàitean

Dun Rath Image copyright DRSL

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' cumail "còmhraidhean leantaineach" le Riaghaltas Westminster mu stuth niùclasach a ghluasad bho Alba a null dha na Stàitean Àonaichte.

Chaidh uranium a sgeith bho Dhùn Rath, faisg air Inbhir Theòrsa, dha na Stàitean tro Phort-adhair Inbhir Ùige ann an 2016.

Thachair seo às dèidh àonta a bhith air a ruighinn eadar riaghaltasan Westminster agus nan Stàitean Àonaichte.

Tha am port-adhair air a ruith le Puirt-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL), companaidh phoblach a tha le ministearan na h-Alba.

Tha dùil gun tèid barrachd stuth niùclasach a ghluasad san àm ri teachd.

Na àite, gheibh Breatainn seòrsa uranium bho na Stàitean a th' air a chleachdadh airson dearbhadh co-dhiù a bheil aillse air neach.

Draghan

Tha Ball Gàidhealach bhon Phàrtaidh Uaine ann am Pàrlamaid na h-Alba, Iain Finnie, air draghan a thogail mu cho freagarrach 's a tha Port-adhair Inbhir Ùige ann an sreath de cheistean gu Riaghaltas na h-Alba.

Chan eil am BPA den bheachd gu bheil am port-adhair sàbhailte airson nam pleanaichean mòra a thathas a' cleachdadh.

Mar fhreagairt air aon dha na ceistean aige, thuirt Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan gum bi "còmhraidhean leantaineach ann eadar Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas na RA mu a bhith a' gluasad stuth niùclasach à Dun Rath."

"Bidh Riaghaltas na h-Alba a' leantainn orra a' sireadh ghealltanasan mu shàbhailteachd agus tèarainteachd mu ghluasad sam bith", thuirt i.