Gealltanas gun tèid feuchainn ri gearraidhean a sheachnadh.
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Gealltanas gun tèid feuchainn ri gearraidhean aig Ospadal an Obain a sheachnadh.

16 Am Faoilleach 2017 Ùraichte aig Ùraichte aig

Thuirt Compàirteachas Cùram Sòisealta Earra Ghàidheal 's Bhòid gun dèan iad an dìcheall gearraidhean a sheachnadh aig Ospadal Latharna 's nan Eilean san Oban.

Bha dragh san sgìre gun deidheadh seirbheis tubaist is èiginn an ospadail a' ghearradh airson airgead a chùmhnadh.

Ach dh'innis riochdairean a' chompàirteachais aig coinneamh phoblach nach tachradh sin. Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.