Anier gu Caley Thistle

Henri Anier Image copyright SNS
Image caption Bha Henri Anier a' cluich ann an Alba an-uiridh còmhla ri Dundee United.

Dh'innis Caley Thistle Inbhir Nis gu bheil an cluicheadair Estònianach, Henri Anier, air ainm a chur ri cùmhnant leotha gu deireadh an t-seusain.

'S e cluicheadair aghaidh a th' ann an Anier, 26, is tha e air cluich ann an Alba roimhe do Thobar na Màthair, Hibs agus Dundee Utd.

Bha e bho chionn ghoirid a' cluich do Kalmar san t-Suain.

Tha Anier air a bhith na phàirt de sgioba nàiseanta Estònia bho 2011.

Dhearbh ICT gum bi Anier agus an t-Èireannach òg, Dean Ebbe, còmhla riutha gu deireadh an t-seusain, is gum bi cothrom ann na cùmhnantan a leudachadh.

Dh'innis an cluba cuideachd gu bheil iad air aonta a ruighinn le Fulham airson Larnell Cole a chumail air iasad gu deireadh an t-seusain.

Chuir Cole aon tadhail do Chaley thuige seo, is e air grunn gheamaichean a chall is e air a ghoirteachadh.

Tha Caley Thistle cuideachd air cùmhnant Dhàibhidh Raven a leudachadh gu toiseach 2018.

Tha an sgioba air a bhith nan tàmh bho dheireadh 2016 is tillidh iad Disathairne le geama ann an Cupa na h-Alba an aghaidh Eilginn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile