Oidhirp gearraidhean ospadail a sheachnadh

Ospadal Latharna 's nan Eilean Image copyright J M Briscoe/Geograph

Thuirt Compàirteachas Cùraim Shòisealta Earra-Ghàidheal 's Bhòid gun dèan iad an dìcheall gearraidhean a sheachnadh aig Ospadal Latharna 's nan Eilean, agus ath-sgrùdadh ga dhèanamh air an ionad san Òban.

Bha dragh san sgìre gun deadh seirbheis A&E an ospadail a ghearradh airson airgead a chùmhnadh, ach dh'innis riochdairean a' chompàirteachais do choinneimh phoblaich air an deireadh-sheachdain nach tachair sin.

Chaidh Ospadal Latharna 's nan Eilean a thogail ann an 1985, an àite nan ceithir ospadalan beaga a bha sa bhaile.

Bha 140 leabaidh ann an uair sin, ach an-diugh chan eil air fhàgail ach 40.

Sàbhailte is seasmhach

Thuirt Cathraiche a' Chompàirteachais, Kieron Green, ag ràdh nach eil adhbhar dragh a bhith air muinntir na sgìre.

"Tha na h-uimhir de chrìochan modh a' cuairteachadh an ath-sgrùdaidh, agus 's e tè dhiubh sin gum bi cùram 24 uair ri fhaighinn aig an ospadal a' dol air adhart, agus cuideachd gum faighear cùram èiginneach aig an ospadal 24 uair san là," thuirt e.

Ach tha £20m de ghearraidhean ri lorg aig Compàirteachas Slàinte is Cùraim Earra-Ghàidheal is Bhòid thar an ath-dhà bhliadhna.

"Ma dh'fhàgas sinn cùisean mar a tha iad, bidh dùbhlain mhòra dha-rìribh romhainn san ath-dhà no trì bliadhna," thuirt an Dr. Pàdraig Thorpe, bho Ospadal an Òbain.

"Tha mise airson na dùbhlain sin a sheachnadh ma 's urrainn dhomh, agus tha mi airson modal meidigeach an ospadail a chumail cho sàbhailte agus seasmhach 's a ghabhas.

"Dh'fhaodadh gum fàg sin gum feum sinn cuid de sheirbheisean ùra fhaighinn - no 's dòcha gun caill sinn cuid de sheirbheisean.

"Ach aig a h-uile àm, tha mi airson gum bi iad sàbhailte, 's tha mi airson gum bi iad seasmhach, agus freagarrach a thaobh fheumalachdan mhuinntir an àite," thuirt e.

Thathas a' gluasad a dh'ionnsaigh cuid de na seirbheisean cùraim a gheibhear ann an ospadal a thoirt seachad ann an dachannan dhaoine.

Tha an Comh. Niall Mac an t-Saoir ag ràdh gum feum a h-uile pàrtaidh poileataigeach an Alba tighinn còmhla gus taic-airgid a chumail ris an t-seirbheis sin.

"Tòrr de na seirbheisean a tha sinn a' faighinn san ospadal an-dràsta, tha iad airson iad sin a thoirt seachad aig an taigh," thuirt e.

"Tha sin math fhèin do gu leòr de dhaoine.

Atharrachadh

"Mar sin, feumaidh atharrachadh, atharrachadh nàdarra, tachairt co-dhiù, oir feumar barrachd ghoireasan agus luchd-obrach a chur a dh'ionnsaigh dèiligeadh ri daoine sna dachannan aca fhèin.

"Bidh tuilleadh dhaoine a dhìth oirnn airson cùram a chumail ris an daoine a-muigh an sin.

"Agus ann an Earra-Ghàidheal chan eil sluagh mòr againn - ach tha sluagh a tha a' sìor fhàs aosta againn.

"Mar sin dheth, cò às a thig an luchd-cùraim?

"Cò às a thig na nursaichean sgìreil uile?

"Cò às a thig an t-airgead a phàigheas sin?" thuirt e.

A thuilleadh air na ceistean sin tha duilgheadasan aig bùird shlàinte air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean ann a bhith a' fastadh dhotairean.

Thèid torraidhean an ath-sgrùdaidh a chur mu choinneimh an t-sluaigh.