Seann shagart fo chasaid ionnsaighean

Abaid Chille Chuimein
Image caption Chaidh Sgoil Abaid Chille Chuimein a dhùnadh sna 1990n.

Thèid fear a bha na shagart agus a bha a' teagasg aig Sgoil Abaid Chille Chuimein air beulaibh na cùirteach 's e fo chasaid gun tug e sreath ionnsaighean air sgoilearan anns na seachadan agus na h-ochdadan.

Thathas a' fàgail air Mgr Benedict Seed, a tha 83 bliadhna, gun tug e ionnsaighean air ochdnar bhalach fhad 's a bha e na mhanach anns an abaid agus na cheannard air an sgoil.

Chumar èisteachd eadar-amail mun chùis ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Dihaoine.

'S ann fon ainm cheart aige, Tomas Mìcheal Seed, a tha Mgr Benedict Seed fo chasaid.

Tha grunn de na casaidean na aghaidh a' buntainn ris an ùine a chuir e seachad na thidsear agus na cheannard air an sgoil Chaitligich ann an Abaid Chille Chuimein eadar 1974 agus 1988.

Thathas a' fàgail air gun do bhuail e sgoilearan le leithid brog goilf agus caman hocaidh.

Tha casaid eile ga chuir às a leth gun do bhreab e balach grunn thursan agus gun tug sin air tuiteam sìos staidhre.

Tha e a' dol an aghaidh nan casaidean air fad.

Tòisichidh a' chuis lagh anns a' Chèitean.