Plana Gàidhlig Loch Laomainn

Loch Laomainn Image copyright Patrick Mackie/Geograph

Tha co-chomhairle ga cumail air Plana Gàidhlig ùr Ùghdarras Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròisichean airson an ath-chòig bliadhna.

'S e seo an dàrna Plana Gàidhlig aig an ùghdarras, a tha ag amas air an cànan a bhrosnachadh agus a chleachdadh na chuid obrach.

B' i a' Ghàidhlig a bh' aig a' mhòr-chuid de shluagh na sgìre a tha fo sgèith an ùghdarrais an-diugh suas chun na 19mh Linne.

Thuirt an t-ùghdarras gu bheil a' Ghàidhlig riatanach mar dhòigh air cruth-tìre agus eachdraidh na Pàirce Nàiseanta a thuigsinn.

Thuirt Àrd-Stiùiriche an ùghdarrais, Gòrdan MacBhatair: "Fad cheudan de bhliadhnaichean, suas chun na 19mh Linne, b' e a' Ghàidhlig am prìomh chànan taobh a-staigh chrìochan na Pàirce Nàiseanta.

"'S ann sa Ghàidhlig a tha a' chuid as motha de dh'ainmean-àite na Pàirce, agus tha an cànan riatanach a thaobh tuigse a' chruth-tìre shònraichte againn.

"Tha am plana ag amas air an dualchas cudromach Gàidhealach a tha sin a chumail beò tro bhith a' leasachadh eadar-gnìomh agus chothroman foghlaim, a thuilleadh air leudachadh a thoirt air na tha de ghoireasan Gàidhlig againn."

Am measg na thathas a' moladh, tha a bhith a' leudachadh na tha de dh'fhoillsichean sa chànan gan sgaoileadh leis an ùghdarras - leithid na bileige "Exploring the Park" agus cuideachd a' bhileag "What's in a Name".

Thèid na tha de Ghàidhlig air làrach-lìn an ùghdarrais a leasachadh cuideachd.

Faodar an dreach-phlana a leughadh agus beachd a chur ris a' cho-chomhairle an seo suas chun a' 5mh Giblean 2017