Ath-bheothachadh nan dachannan falamh?

Dachaigh fhalamh Image copyright Duncan Grey/Geograph
Image caption Tha mu 1,800 dachaigh fhalamh anns na h-Eileanan Siar.

Tha co-chomhairleachadh air plana taigheadais airson an ath chòig bliadhna anns na h-Eileanan Siar a' dol an-dràsta.

Mar phàirt dheth sin, thathas a' coimhead ri mar a ghabhas dachannan falamh a chleachdadh mar thaighean màil.

Thuirt an Comh. Tormod MacLeòid, a tha cuideachd na bhall de Thaighean Innse Gall, neo HHP, nach eil e comasach leis a' mhaoineachadh a th' ann an-dràsta cumail suas ris an iarrtas airson taighean.

"Nam biodh an t-ionmhas againn, bu chaomh leinne suas ri 50 dachaigh a thogail anns a' bhliadhna," thuirt Mgr MacLeòid.

1,800 dachaigh falamh

"Dh'fheumadh sinn sin airson dèiligeadh ris an iarrtas a th' ann airson dachaighean anns an là a th' ann an-diugh.

"Air feadh nan Eileanan gu lèir, tha 1,800 dachaigh a tha falamh.

"Nise, tha timcheall air dàrna leth dheth sin 's e dàrna dachannan a th' annta, agus mar sin chan urrainn dhuinne càil a dhèanamh ris an fheadhainn sin.

"Ach tha timcheall air mìle de dhachannan a tha falamh fad na bliadhna.

"Feadhainn aca, dh'fheumadh iad an t-uabhas obrach a dhèanamh riutha.

"Tha sin cosgail, agus chan eil an t-ionmhas againn an-dràsta a dhèanadh sin.

"Ach lùigeadh sinn gun tigeadh daoine air adhart, daoine aig a bheil na dachannan sin, agus nam biodh feadhainn aca nach fheumadh iad tòrr a dhèanamh riutha, bu chaomh leinne gun deadh iad fhèin 's dòcha nan uachdarain.

"Tha na cùmhnantan air atharrachadh gu mòr airson uachdaran prìobhaideach, agus tha e a' toirt dhaibh tòrr a bharrachd cuideachaidh na bh' ann ron seo.

"Nam faigheadh sinn fiù 's 10 no 15 anns a' bhliadhna de na dachannan sin air feadh nan Eileanan dhèanadh e cuideachadh mòr.

"Tha e tàmailteach nuair a chì thu na tha de dhachannan falamh air feadh nan Eileanan, agus nuair a chì thu na tha de dhaoine a' feitheamh agus gun càil a choltas gum faigh iad dachaigh fad 's dòcha bliadhna no an còrr," thuirt e.

Tha seo a' tighinn agus prìsean cuibheasach thaighean an ceann a tuath na h-Alba air èirigh 7% an-uiridh.

A rèir àireamhan ùra bhon chompanaidh sheilbh, HSPC, tha a' phrìs chuibheasach airson dachaigh a-nis a' seasamh aig £170,000.

Tha a' chompanaidh cuideachd ag ràdh gun do thuit an àireamh de thaighean a chaidh air a' mhargaidh 9%, 's iad a' coireachadh na bhòta airson Brexit agus an suidheachadh poileataigeach san fharsainneachd.