Taigh-staile an Caisteal Dhùn Robain

Caisteal Dhùn Robain Image copyright Geograph/Simon Johnston

Thug Comhairle na Gàidhealtachd taic airson taigh-staile ùir aig Caisteal Dhùn Robain ann an Caitibh.

Thèid a thogail anns an t-seann taigh-chumhachd a tha ri taobh a' chaisteil agus thèid togalaichean tuathanais a chleachdadh mar ionadan bathair.

Tha dùil gun tòisichear a' dèanamh deoch làidir ann am meadhan na h-ath-bhliadhna.

Tha an luchd-leasachaidh an dòchas gum bi an taigh-staile tarraingeach do luchd-turais.

Tha an caisteal agus na gàraidhean mun cuairt air trang mar thà le luchd-turais as t-Samhradh.