Rabhadh mun aimsir

Rathad

Tha rabhadh ann mu throimhe-chèile do chòmhdhail is dùil gun lean droch aimsir sa cheann a tuath.

Sgaoil Oifis na Sìde rabhadh buidhe is iad ag ràdh gu bheil e glè choltach gum bi sneachd ann Diardaoin is Dihaoine.

Thuirt iad gum faodadh dealanaich a bhith ann cuideachd.

Dh'innis Bear Scotland, air a bheil dleasdanas 'son prìomh rathaidean na dùthcha, gum bi iad ag obair orra tron oidhche, is dh'iarr Traffic Scotland air dràibhearan ullachadh a dhèanamh mus fhalbh iad.

Thug gèiltean buaidh air iomadach seirbheis-aiseig mar-thà.

Gheibhear am fiosrachadh às ùr bho ChalMac.

Ràinig neart na gaoithe 77 msu ann an Tiriodh is 73 msu ann an Uibhist a Deas.

Dh'innis ScotRail gu bheil iad air cuid de na seirbheisean aca air a' Ghàidhealtachd Diardaoin atharrachadh air sgath na droch shìde.

Thàinig rabhadh cuideachd bho Stagecoach gum faodadh dàil a bhith air cuid de na busaichean aca.

Thuirt SSE gu bheil mu 1,500 taigh air cumhachd a chall.

Thathas an dòchas gun tèid cumhachd a thilleadh dha na dachaidhean air fad ro dheireadh an fheasgair Diciadain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile