"Faochadh mòr" a thaobh dotair Shlèite

Stuthan dotair

Thuirt Fear-Cathrach Comhairle Coimhearsnachd Shlèite gur e faochadh mòr a th' ann gum bi dotair teaghlaich a' frithealadh ceann a deas an Eilein Sgitheanaich airson trì mìosan gus an tèid dotair eile fhastadh.

Leigidh tè de na dotairean a tha ag obair ann an ionad an dotair an-dràsta, an Dr Gasson, dhith a dreuchd Diciadain.

Fhuair a' choimhearsnachd gealltanas gum bi dotair ag obair na h-àite airson trì mìosan.

"Tha an dotair a' leigeil dhith a dreuchd, ach tha sinn air cluinntinn bho Bhòrd na Slàinte nach toir sin atharrachadh sam bith air an t-seirbheis a tha iad a' lìbhrigeadh," thuirt Fear-Cathrach na comhairle coimhearsnachd, Ruairidh Moireach.

"Tha iad a' cur a-mach sansasan an-dràsta airson cuideigin fhaighinn a ghabhas a-nall an obair aice, agus anns an eadar-ama tha iad air dotair a ghabhail air airson trì mìosan a lìonas a' bheàrn gus am faigh iad cuideigin a bhios ann fad na tìde.

"Tha iad air gealltainn nach fhaic sinn atharrachadh sam bith san t-seirbheis ri linn 's gu bheil an dotair a' falbh.

"Tha sinn gu math toilichte an gealltanas sin fhaighinn, agus gum bi an sgìre air a frithealadh mar a bha ron seo, bhon tha seirbheis slàinte againn an seo a tha mìorbhaileach fhèin math ann an Slèite, agus tha sinn uabhasach taingeil dhan fheadhainn a tha ga lìbhrigeadh," thuirt e.